Heimastjórnarflokkurinn
Heimastjórnarflokkurinn Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1900 |
Luchd-stèidheachaidh | Hannes Þórður Pétursson Hafstein |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Fèin-riaghladh |
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha airson gum biodh Ministrealachd Innise Tìle suidhichte ann an Innis Tìle fhèin, seach ann an Copenhagen 's a bh' ann an Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh).[1] Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík ann an 1900, nuair a bha Innis Tìle fhathast na phàirt na Danmhairg. B' e Hannes Hafstein, ciad Mhinistear Innis Tìle, a stèidhich am pàrtaidh. Dh'aontaich a' mhòr-chuid nam ball Heimastjórnarflokkurinn gu Borgaraflokkurinn ann an 1923, beagan an dèidh neo-eisimeileachd na dùthcha.
Taghaidhean dhan Alþingi
deasaichB' ann ann an 1919 a bha Heimastjórnarflokkurinn na bu shoirbhachaile anns na taghaidhean dhan Alþingi,[2] nuair a fhuair iad 16 seataichean, ged a bha e gu math soirbheachail gach turas a bha taghaidhean ann ach an turas mu dheireadh.
Bliadhna | Bhotaichean | % | +/- | Seataichean | +/- |
---|---|---|---|---|---|
1916 (An Lùnastal) | 1,950 | 33,5 % | 3 | -- | |
1916 (An Dàmhair) | 5,333 | 40 % | +6.5 % | 15 | +12 |
1919 | 6,423 | 45.8 % | +5.8 % | 16 | +1 |
1922 | 3,258 | 27.6 % | −18.2 % | 1 | -15 |
Prìomh-mhinistearan
deasaichBha dithis Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:
- Hannes Þórður Pétursson Hafstein: 1904 – 1909
- Jón Magnússon: 1917 – 1922 agus 1924 - 1926
Ceanglaichean a-muigh
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Alþingi
- ↑ Dieter Nohlen & Philip Stöver (2010) Elections in Europe: A data handbook, p962, ISBN 978-3-8329-5609-7