'S e baile ann am Moireabh a tha ann an Inbhir Lòsaidh (Beurla: Lossiemouth). [1][2] 'S e sin am baile as fhaide tuath air còrsa a deas den Linne Mhoireibh. Tha e suidhichte aig inbhir Abhainn Losaidh. Tha tràigh gainmhich agus stèisean den Royal Air Force, an RAF Lossiemouth iar air a’ bhaile.

Inbhir Losaidh

'S e seo na co-chomharran aige: 57° 43′ 8.″ Tuath agus 3° 17′ 15″ Iar.

Ann an 2020 bha 6840 duine a' fuireach an seo.[3]

Bha daoine a' fuireach anns an àite seo nas motha na 1,000 bliadhna, ach chaidh am baile mar a tha e an-diugh a stèidheachadh anns na 250 bhliadhna mu dheireadh. B’ e Stotfield a’ chiad tuineachadh a bh’ ann agus an uair sin Seatown, baile beag iasgaich. Anns an 18mh linn chaidh Inbhir Losaidh a chur air bhonn còmhla ris a’ phort mara ùr. Anns an 19mh linn chaidh am baile Branderburgh ri chèile leis na trì bailtean eile mar coimhearsnachd Inbhir Losaidh.

Daoine ainmeil

deasaich

Rugadh Ramsaigh MacDhòmhnaill, prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte, an seo san 12 an Dàmhair 1866.

Iomraidhean

deasaich
  1. Stòr-dàta SMO
  2. Alba le Roy Pedersen
  3. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: