Ian Grimble
'S e neach-eachdraidh, craoladair agus sgrìobhadair Albannach a bh' ann an Ian Grimble. Bha ùidh shònraichte aige ann an cultair, litreachas agus eachdraidh nan Gàidheal.
Ian Grimble | |
---|---|
Beatha | |
Breith |
British Hong Kong (en) ![]() |
Dùthaich |
![]() ![]() |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Am Blàran Odhar, 1995 |
Foghlam | |
Foghlam |
Colaiste Balliol Oilthigh Obar Dheathain |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eachdraiche, sgrìobhadair, cànanaiche agus craoladair |
Fastaichean | BBC (1955 - |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Feachd na Fàisneise |
A bheathaDeasaich
Rugadh e ann an Hong Kong, ach 's ann à Alba a bha a phàrantan. Fhuair e foghlam aig Colaiste Bhalliol, Oilthigh Oxford. Aig àm an dàrna cogaidh, bha e stèidhichte anns na h-Innseachan. Thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an 1955. Rinn e iomadh prògram mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba.
Ian Grimble agus a' GhàidhealtachdDeasaich
Bha ùidh mhòr aig Ian Grimble ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, agus dh'ionnsaich e Gàidhlig cuideachd, b' urrainn dha leughadh agus sgrìobhadh sa chànan. Nuair a chaidh Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a stèidheachadh, bha Ian Grimble an sàs anns a' phròiseact seo.
Sgrìobh Ruaraidh MacThòmais an dàn mu dheidhinn Ian Grimble, agus chaidh e fhoillseachadh anns an leabhar Sùil air Fàire (Acair, 2007).
Leabhar-clàrDeasaich
- The World of Rob Donn
- The Trial of Patrick Sellar
- Scottish Islands
- Castles of Scotland