B' ann à Tròndairnis, An t-Eilean Sgitheanach, a bha Iain N. MacLeòid (18801954). B' e sgrìobhadair agus tidsear a bh' ann. Chleachd e an t-ainm-pinn Alasdair Mòr.

Iain N. MacLeòid
Beatha
Breith Cille Mhoire, 1880
Dùthaich  Alba
Bàs 21 dhen t-Samhain 1954
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg

Beatha deasaich

B' ann à muinntir an Eilein Sgitheanaich a bha MacLeòid. Rugadh e an Tròndairnis (Cill-bhacstair an sgìre Chille Mhoire) ann an 1880 [1].

B' e Mgr. Iain Mac an Aba a mhaighstir-sgoile. Thòisich MacLeòid mar fhear-cuideachaidh (pupil teacher) còmhla ri Mac an Aba.[1]

Phòs e Anna nighean Chaluim MhicLeòid à Breaclait. B'e a mhac Calum Iain MacLeòid a chaidh a nall à Alba Nuadh. [1]

Foghlam deasaich

Rinn e cùrsa-foghlaim anns a' Cholaiste an Obar Dheathain.[1] Ann an 1902, shuidhicheadh e mar mhaighstir-sgoile an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhas.[1] Bha e ann am Beàrnaraigh fad 3 bliadhnaichean.[1] Theagasg e an uair sin ann an Taigh na h-Uiseig, Siorrachd Lannraig agus aig Sliabh a' Chlamhain a-mach à Dùn Èideann (MacCalmain 1955: 244). Bha e na cheann na sgoile ann an Dòrnaidh an Cinn t-Sàile.[1]

Obair Sgrìobhaidh deasaich

Chruinnich e am bàrdachd aig Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Phàdraig, Bàrd Iarsiadair.

Sgrìobh e colbh anns a' Ghaseit Steòrnabhaigh leis an tiotal 'Litir a Beàrnaraigh' bho 1917 to 1954 fon ainm 'Alasdair Mòr'. Chaidh cruinneachadh de na colbhan sin fhoillseachadh mar Litrichean Alasdair Mhóir ann an 1932.

Clàr Fhoillseachaidh deasaich

Deasaiche deasaich

MacLeòid, Iain N. (deas.) 1916. Bàrdachd Leòdhais (Glaschu: Alasdair MacLabhruinn agus a Mhic)

Sgeulachdan goirid deasaich

  • MacLeoid, Iain N. 'Fuinneadair na Manachainn', An Gaidheal XLIII: 1, An Dàmhair 1947, d. 7-8
  • MacLeòid, Iain N. (Alasdair Mór). ‘An Dotair Bàn’ ann an Iain A. MacDhòmhnaill (deas.) (1958) Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm, air a chur ri chèile '(Glaschu: Gairm), d.40-44
    • eachdraidh mu Alasdair MacLeòid no ‘An Dotair Bàn’ 1788-1854

Dealbhan-chluiche deasaich

  • MacLeòid, Iain N. 1916. 'Luadh Bantrach Sheòrais', An Deò-Grèine XI. 93-101.
  • MacLeòid, Iain N. 1916. 'Coinneach Odhar', An Deò-Grèine XII. 46-57.
  • MacLeòid, Iain N. 1916. Pòsadh Móraig (Glaschu: Alasdair MacLabhruinn is a Mhic)
  • MacLeòid, Iain N. 1922. (3mh deas.) Réiteach Móraig (Glaschu: Alasdair MacLabhruinn is a Mhic)
  • MacLeòid, Iain N. 1932. Fionnghal a’ Phrionnsa (Inbhir-Pheofharain: Seoras Griasaiche; Glaschu: Alasdair MacLabhruinn is a Mhic)

Aistean deasaich

  • MacLeòid, Iain N. 'Iain MacPhàidein'. An Gaidheal Og. II. 28 (An Gaidheal XLV)
  • MacLeòid, Iain N. 'Aonghas MacDhonnchaidh'. An Gaidheal Og. III. 8 (An Gaidheal XLVI)

Litreachan deasaich

  • MacLeòid, Iain N. 1948. Dràma Gàidhlig (litir). An Gaidheal XLIII. 87. A call for a Gaelic Drama association to be created. [to scan]


Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 MacCalmain, T. M. 1955. 'Iain N. MacLeòid ("Alasdair Mor") Sar-Sgrìobhadair Gàidhlig', Gairm (An t-Earrach 1955), 243-50.
  • Thomson, Derick. 1994. A Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm)