Husachd
'S e gluasad sòisealta, creideamhach agus poileataigeach a thoisich ann am Bohemia san 15mh Linn a th' ann an Husachd. Chaidh an gluasad seo a stèidheachadh air na sgrìobh agus na thuirt Jan Hus, is b' ann a seo às an tàinig an t-ainm. Chaidh esan fhèin a chur gu bàs ann an 1415, agus dh'adhbhraich sin cogaidhean mòra ann an cridhe na Roinn Eòrpa. Bha Husachd làidir ann am Bohemia gu ruige an 18mh linn.
Freumhan
deasaich- Air adhbharan cruth na tìre, cha do ràinig Crìosdaidheachd a Bhohemia ach san 10mh Linn: a bharrachd air sin, bha an dùthaich ann an co-luadar leis an eaglais ortodoxes, gu seachd-àraidh air na crìochan san àirde an ear. Air sgàth sin, cha b' e cho dluth an dàimh leis An Roimh an taca ri ann an corra àite eile, agus dh'fhàs sin na bu mhiosa air sàilleabh nan sgaradaireachdan a thachair san eaglais.
- Dìreach mar ann an àiteigin eile, b' e na daoine a bu bhochda a chumadh daoine na h-eaglaise ann am beartas agus na sagartan is daoine eile a' fuireach ann an dòigh nach robh cho eisimpleireach, is bha sin gu math diofraichte na shearmonachadh iad gach latha na Sabaid.
- Ann am Bohemia, b' ann leis an eaglais a bha an treas cuid na talmhainn, is na daoine bochd air an dùthaich a' pàigheadh nan cìsean: dh’fhàs iad sgìth is sheas iad an aghaidh na h-eaglaise.
- Bha dùsgadh nàiseanta ann agus b' ann coltach dhan a h-uile duine nach robh an eaglais a' riochdachadh na dùthcha ach b' e rud a thug eilthirich agus Ìmpireachd Naomh na Ròimhe air na Seacaich.