Hermann Göring
B' e paidhleat, neach-poileataigs agus eucoireach-cogaidh Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Hermann Wilhelm Göring (Rosenheim, 12 am Faoilleach 1893 - Nürnberg, 15 an Dàmhair 1946).[1] Rugadh agus thogadh Göring ann an Rosenheim agus bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach - bha athair na riochdaire dioplòmasach a dh' obair ann ann Naimibia agus Haiti. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Mhünchen. Bha e na bhall a' Phàirtidh Nàsach on toiseach-toisichidh agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923.[2] B' e Göring a stèidhich an Gestapo. An dàrna fhear na bu chumhachaile san Treas Reich an dèidh Adolf Hitler fhèin, b’ e Göring a bha os cionn na Luftwaffe gu ruige deireadh a’ Chogaidh agus, ann an 1940, chaidh ainmeachadh na Reichsmarschall agus feachdan na Gearmailte air fad fodha. Bha e air a dhìteadh airson an uilc a rinn e an dèidh a' Chogaidh ach chuir e às dha fhèin air 15 an Dàmhair 1946.
Ceanglaichean a-muigh
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Evans, Richard J. (2004). The Coming of the Third Reich. Penguin Press, ISBN 978-1-59420-004-5.
- ↑ Heinrich Fraenkel, Roger Manvell: Hermann Göring. Übersetzt von Hedwig Jolenberg, bearbeitet von Wolfgang Tschechne. Verlag für Literatur und Zeitgeschehen, Hannover 1964 DNB 451329309; NA: Pawlak, Herrsching 1981, DNB 810894998.