Fosgail am prìomh chlàr-taice

B' e actair nam film às an t-Suain a bh' ann an Greta Garbo air neo Greta Lovisa Gustafson (IPA: gre:ˈta lʊˈvi:ˈsa ˈgɵstafˈsɔn, Stockholm, 18 an t-Sultain 1905 - Eabhraig Nuadh, 15 an Giblean 1990).[1] B' e nighean Anna Lovisa agus Karl Alfred Gustafsson a bh' innte. B' e daoine gu math bochd a bh' annta: bha a h-athair na neach-obrach is bha a màthair ag obair ann an taigh-ghnìomhachais. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean a' fuireach còmhla ann am flat beag suarach aig Blekingegatan 32, ann an ceann a deas Stockholm. Bha Garbo caran fiata diùid. Cha do chòrd an sgoil rithe idir. Chaochail a piuthar Alva Maria ann an 1926 nuair a bha Garbo dìreach 21. Bha bràthair aice cuideachd, a chaochail ann an 1967.

Greta Garbo
Garbo-Anna Karenina-036.jpg
Beatha
Breith Stockholm, 18 dhen t-Sultain 1905
Dùthaich  An t-Suain
 Na Stàitean Aonaichte
Cinneadh Swedish American
Bàs Eabhraig Nuadh, 15 dhen Ghiblean 1990
Àite-adhlacaidh Skogskyrkogården
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe
fàilligeadh nan dubhan)
Teaghlach
Athair Karl Alfred Gustafsson
Màthair Anna Lovisa Johansdotter
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd actair, actair film agus actair àrd-ùrlair
Àitichean-obrach Hollywood
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Henry G. Bieler
Creideamh
Creideamh Lutharanachd
IMDb nm0001256
www.gretagarbo.com

Chuir Garbo seachad na bliadhnaichean bho 1922 gu ruige 1924 na oileanach san Kungliga Dramatiska Teatern (air neo dìreach Dramaten), còmhla ri Vera Schmiterlöw.[2] Bha an dithis nan deagh charaidean fad am beatha. An dèidh na Sgoile Dhràma fhàgail rinn a' chiad fhilm aice, Gösta Berlings saga, stèidhichte air an nobhail a sgrìobh Selma Lagerlöf.[3] Chaidh i chun na Gearmailt far an robh i fad bliadhna. Dh' fhilmich i Die freudlose Gasse an suid.[4] Dh' fhàg ise an Roinn-Eòrpa airson nan Stàitean Aonaichte, far an robh gus a bhàsaich i. Bha i uabhasach fhèin soirbheachail anns na filmichean gun ghuth. Aig àm a' Chogaidh chuidich i ri beatha nan Iùdhach san Danmhairg a shàbhaladh.[5]

FilmicheanDeasaich

  • 1924 Gösta Berling's Saga
  • 1925 Die freudlose Gasse
  • 1926 Torrent
  • 1926 The Temptress
  • 1926 Flesh and the Devil
  • 1927 Love
  • 1928 The Divine Woman
  • 1928 The Mysterious Lady
  • 1928 A Woman of Affairs
  • 1929 Wild Orchids
  • 1929 A Man's Man
  • 1929 The Single Standard
  • 1929 The Kiss
  • 1930 Anna Christie
  • 1930 Romance
  • 1931 Inspiration
  • 1931 Susan Lenox (Her Fall and Rise)
  • 1931 Mata Hari Mata
  • 1932 Grand Hotel Grusinskaya
  • 1932 As You Desire Me
  • 1933 Queen Christina
  • 1934 The Painted Veil
  • 1935 Anna Karenina
  • 1936 Camille
  • 1937 Conquest
  • 1939 Ninotchka
  • 1941 Two-Faced Woman

Ceanglaichean a-muighDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. IMDB
  2. Sveriges Radio
  3. Svensk Filmdatbas
  4. Filmportal Deutschland
  5. Brett, D., (2013), Greta Garbo: Divine Star, Lunnainn, Robson Press.