Gleann Chailbhidh
Is e gleann os cionn Srath Charrain mu 10 miltean dhan iar air Àrd Gaoithe air an crìoch eadar Ros an Ear agus Cataibh a tha ann an Gleann Chailbhidh (Beurla: Glencalvie). [1]
Tha an t-àite ainmeil airson a' mhì-cheartais a rinneadh an seo air 24 an Cèitean 1845, nuair a chaidh 18 teaghlaichean fhuadach, mu 90 daoine uile gu lèir, le Seumas Gillanders Seumarlan do MacDhonnachaidh Chinn Dheise. Bha Gillanders ag amas aon tuathanas caora a chruthachadh anns a' ghleann gu lèir. Cha d'fhuair muinntir Gleann Chailbhidh fasgadh neo tearmain san sgìre as dèidh an fhuadach siud ach an cladh Eaglais a' Chnoic far an do dh'fhan cuid dhuibh gus an tàinig an geamhradh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 55, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH4666889124 (57° 51′ 55.82″ Tuath, 4° 35′ 5.96" Iar)