Gherman Titov
B' e neach-poileataigs agus speuradair às an Aonadh Sobhiat a bha ann an Gherman Stepanovich Titov (Ruisis: Герман Степанович Титов, Verkh-Zhilino, 11 an t-Sultain 1935 – Moscobha 20 an t-Sultain 2000). B' e Titov an dara fhear - a rinn reul-chuairt mun timcheall na cruinne air 12 an Giblean 1961, an dèidh Ûrij Gagarin ach ro John Glenn.[1] Bha e cuideachd a' chiad neach a dh'fhulaing tinneas fhànais, a' chiad neach a chuir latha air fad seachad san fhànas, a dh'ith san fhànas, a chaidil san fhànas agus tha e fhathast an neach na b' òige a dh'fhàg am planaid againn - cha ro e ach 26 bliadhna a dh'aois aig an àm.[2] Rinn e iomadh turas thall thairis agus thachair e ri John Glenn agus John F. Kennedy ann an 1962.[3] Bha e na bhall-pàrlamaid airson Pàrtaidh Comannach na Ruise bho 1995 gus a chaochail ri greim-cridhe ann an 2000.