George Dickie

saighdear saor-thoileach agus comunnach à Alba

B' e feòladair, saighdear saor-thoileach agus comunnach à Alba, a shabaid ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne, a bh' ann an George Dickie (ainm cogaidh: Jack Brent, Whithorn 1912Lunnainn, 1951.[1] Thogadh e ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) agus bhuineadh e do theaghlach uabhasach fhèin bochd. B' fheudar dha an sgoil fhàgail is e dìreach 13 bliadhna a dh'aois agus fuair e obair ann am bùth bùidseir. An dèidh greiseag fo armachd sna Camshronaich na Banrighinn, theich e on arm agus chaidh e a Lunnainn, far an deach e tro gach cruadal. Dh'fhàg Dickie Lunnainn san Dàmhair 1937 is chaidh e dhan Spàinn. Fhuar e ballrachd nam Bragaid Eadar-nàiseanta (Spàinntis: Brigadas Internacionales) ach chaidh a droch lèon shuas ann an Jarama ann an, rud a thug sin buaidh làidir airsan fad a bheatha.[2] A dh'aindeoin sin, bha e na rùnaire nàiseanta Coman nam Bragaid agus b'e esan a chuidich iad seo a bha fo ghlas air feadh na Roinn-Eòrpa an dèidh a' Chogaidh. Chuir e seachad bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh ann an Chalk Farm (Lunnainn) ag obair airson còirichean nan daoine bochda agus bha e an sàs ann am Pàrtaidh Comunnach na Breatainne. Thogadh carragh-chuimhne dha ann an Whithorn fhèin ann an 2006, bliadhnaichean an dèidh a bhàis. B' ann connspaideach san sgìre's a bha sin.[3]

George Dickie
Beatha
Breith Whithorn, 1912
Bàs 1951
Dreuchd

Iomraidhean

deasaich
  1. Graham Stevenson
  2. Galloway Gazette
  3. Dickie, J: Geordies' Story: The life of Jack Brent, Azlan Publications, Northampton, 2012, 978-0957248021