Galileo Galilei
'S e reuladair agus neach-smaoin ainmeil a bh' ann an Galileo (Pisa, 15 an Gearran 1564–Firenze, 8 am Faoilleach 1642). Thog e prosbaig agus gloinn-amhairc gus am b' urrainn dha coimhead ri na rionnagan agus planaidean eile. Is e a chiad duine a lorg ceithir de na gealaich aig Iupatair agus smaoinich e air toir de na laghan ann an nàdar-feallsanachd. Bha e cuideachd ball dhen Accademia dei Lincei, a' chiad comann saidheansail.[1]
Seach gun robh Galileo den beachd gur e a' ghrian a bha na meadhan an Slighe Chloinn Uisnich an àite an t-saoghal chuir an eaglais Caitligeach e an sàs agus bha iad a maoidheadh a mharbhadh. Gheall e gun do dh'atharraich e creideamhan ach dìreach airson a bheatha a shàbhaladh. Chùm an eaglais e fo smachd agus anns an taigh aige airson a chòir den beatha aige.
Ged 's a tha Galileo comharraichte an latha an diugh airson a h-obair an feallsanachd-nàdurra, bha e cuideachd, mar a bha an cuid bu mhòr de Ollamhan Caitligeach na linn, na h-Ollamh-Dhiadhaidh. Thog e, an lùib a chuid rannsachaidh an saidheans-nàdurra, ceist cudthromach mu deidhinn an càirdeas eadar firinn spioradail agus firinn an saoghal nàdurra. B' anns a cheist seo "An e gu bheil fìrinnean spioradail agus nàdurra neo-eisimeileach: fìrinnean spioradail a bhuannachd do saoghal spioradail a-mhàin agus fìrinnean nàdurra a bhuannachd do an duil nàdurra a-mhàin neo An e gu bheil fìrinnean spioradail agus fìrinnean nàdurra còmhla na roinnean de an aon firinn?" Tha an ceist seo na h-aobhar connspaid aig cuid eadhan dhan latha an diugh. Thàinig Galileo fhèin ris a cho-dhùnadh gu robh fìrinnean spioradail agus nàdurra co-cheangailte o chionn 's nach urrainn do firinn cuir an aghaidh firinn.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Storia ('Eachdraidh')”. Accademia dei Lincei. Air a thogail 10mh dhen Iuchar 2020.
- Ùghdarras do Para 3: Reuladair a' Phaip, aiste anns an "Tablet" bl. 2005