Güicán
Güicán
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Àirde | 2983m | ||||
Co-chomharran | 6° 27' 45 Tuath 72° 24' 43 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 934 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,869 (2005) | ||||
Dlùths | 8.43/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
Sluagh a' bhaileDeasaich
Tha dìreach 1,667 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin agus a' mhòr-chuid nan daoine, 6,202, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[1] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[2] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math neo-àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Güicán, ach tha 1.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 38% Tùsanaich. 'S urrainn do dhìreach 57.3% nan daoine ann an Güicán leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 14.3% nan dachannan.[3]
FèiseanDeasaich
Thathar a’ cumail iomadh sheòrsa fhèis ann an Güicán. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[4] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis na Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.