Ferney-Voltaire
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Rhône-Alpes
Sgìre Ain
Co-chomharran 46°15′ 21 Tuath
06°06′ 29 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4.78 km²
Àireamh-shluaigh 7,726 (2007)
Dlùths 1,616.32/km²
Duilleag oifigeil www.ferney-voltaire

'S e baile beag Frangach faisg air na crìochan leis an Eilbheis a th’ ann am Ferney-Voltaire, neo Fernex o shean. Tha e suidhichte aig 422m os cionn ìre na mara,[1] 112km air falbh bho Lyon, dìreach 7km bho Ghenève agus 406km bho Pharis, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chaidh an t-ainm sin a chur air a’ bhaile ann an 1878 mar chuimhne air Voltaire, sgrìobhadair agus feallsanaiche a bha nam tàmh an sin bho 1755. Rinn esan sàr-obair: nuair a ràinig e cha robh ach mu cheud a’ fuireach anns a’ bhaile air fad. Leasaich Voltaire na fèithean mu timcheall airson àiteachas a bhrosnachadh is thog e caisteal beag, eaglais agus mòran dhe taighean cuideachd. A bharrachd air sin, chaidh mòran luchd-ealain gu Ferney aig an àm. Le sin, bha mu 1,000 a’ fuireach an seo nuair a bhàsaich Voltaire ann an 1778.[3] Tha 7726 daoine a' fuireach ann am Ferney-Voltaire a-nis.[4]

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Annuaire de France
  2. Distance Calculator
  3. Encyclopédie Larousse
  4. Cunntas-sluaigh na Frainge