Erich Ludendorff
B' e saighdear, neach-teòiridh armailteach agus neach-poileataigs Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Erich Friedrich Wilhelm Ludendorff (Ludendorff, 9 an Giblean 1865 - München, 20 an Dùbhlachd 1937).[1] Rugadh agus thogadh e ann am baile beag air an robh Ludendorff - Kruszewnia sa sa Phòlainn a-nis - agus bhuinneadh e do theaghlach Pròstanach iar-fhlaitheach - bha athair na Junker.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig dà acadamaidh armailteach: an Kadettenschule ann am Plön agus an Hauptkadettenschule ann an Groß-Lichterfelde (Berlin). Ghabh e pàirt ann an dealbhachadh a' Plana Schlieffen, airson ionnsaigh a thoirt air An Fhraing agus bhuannaich e dà bhatail sa Chogadh Mhòr, aig Liège agus Tannenberg.[3] Bha e na bhall a' Phàirtidh Nàsach on toiseach-toisichidh agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923.[4] Sheas e airson ceann-suidhe na Gearmailt an aghaidh Hindenburg ann an 1925 ach cha d' fhuair e ach 1.1% nam bhòtaichean. Bha fuath is gràin aige air Saor-chlachairean, Iùdhaich agus Caitligich, gu seachd-àraidh Luchd a' Comainn Iosaid. Chaochail e le aillse ann an 1937.
Erich Ludendorff | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Kruszewnia, 9 dhen Ghiblean 1865 | ||
Dùthaich |
Rìoghachd na Pruise A' Ghearmailt Nàsach | ||
Bàs | München, 20 dhen Dùbhlachd 1937 | ||
Àite-adhlacaidh | Neuer Friedhof Tutzing (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse a' ghrùthain) | ||
Teaghlach | |||
Cèile |
Margarethe Ludendorff (en) (1909 - 1925) Mathilde Ludendorff (en) (1926 - | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Royal Prussian Main Cadet Institute (en) | ||
Cànain | Gearmailtis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, oifigear, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair agus ceannard airm | ||
Com-pàirtiche
| |||
Àitichean-obrach | Berlin | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Impireil na Gearmailte | ||
Ìre |
oifigeach coitcheann General of the Infantry (en) | ||
Strì | An Cogadh Mòr | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach |
German Völkisch Freedom Party (en) National Socialist Freedom Movement (en) Am Pàrtaidh Nàsach | ||
IMDb | nm0524861 | ||
Iomraidhean
deasaich- ↑ Evans, Richard J. (2004). The Coming of the Third Reich. Penguin Press, ISBN 978-1-59420-004-5.
- ↑ Donald J. Goodspeed: Ludendorff. Lunnainn, 1966 dt. unter dem Titel Ludendorff. Soldat, Diktator, Revolutionär. Bertelsmann-Sachbuchverlag, Gütersloh, 1968.
- ↑ Frank Jacob: General der Infanterie Erich Ludendorff. Ann an: Lukas Grawe: Die militärische Elite des Kaiserreichs. 24. Lebensläufe. wbg Theiss, Darmstadt, 2020, ISBN 978-3-8062-4018-4.
- ↑ Bettina Amm: Die Ludendorff-Bewegung im Nationalsozialismus – Annäherung und Abgrenzungsversuche. Ann an: Uwe Puschner, Clemens Vollnhals: Die völkisch-religiöse Bewegung im Nationalsozialismus. Vandenhoeck & Ruprecht, Göttingen, 2012, ISBN 978-3-525-36996-8.