Iadaigh
'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann an Iadaigh[1] (Lochlannais: Eid-øy[2], Beurla: Eday). Tha Iadaigh cho mòr ri 2,745 ha agus ann an 2011 bha 160 daoine a' fuireach air an eilean.[3]
Cruth na tìre
deasaichTha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann an Iadaigh, ach mar is trice tha e còmhdaichte le mòine.[2] Ann an tuath an eilein tha torr bheanntan ann, leithid: Red Head (70m), a' bheinn as fhaide gu tuath, Vinquoy Hill (76m), Greenybrae Hill (56m), Stennie Hill (66m) agus Fersness Hill (89m) san iar-thuath. Mar is trice cleachdar na beanntan airson cùl-cinn nan caora.[2]
Tha dìreach an talamh aig ceann a deas an eilean torrach gu leòr airson àiteachais. 'S e Ward Hill (102m, 335 troigh) a' bheinn as àirde ann an Iadaigh. [4] Tha e suidhichte ann an deas an eilein.
Àireamh-shluaigh
deasaichTha an clàr a leanas a' sealltainn ciamar a dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[2]
Bliadhna | Àireamh-shluaigh |
1841 | 944 |
1881 | 730 |
1891 | 647 |
1931 | 430 |
1961 | 198 |
1981 | 147 |
1991 | 166 |
2001 | 121 |
2011 | 160 |
Iomraidhean
deasaich- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 386-389; ISBN 9781847672773
- ↑ National Records of Scotland 2011 Census "Appendix 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands" (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
- ↑ Hill Bagging (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Visit Eday, làrach-lìn oifigeil (Beurla)
- Eday Partnership, pròiseactan na coimhearsnachd (Beurla)
Le daoine | Mòr-thìr • Auskerry • Bheastraigh • Burray • Egilsay • Flotta • Gairsay • Graemsay • Holm of Grimbister • Hòigh • Iadaigh • Inner Holm • Papa Westray • Raghnallsaigh • Rinneansaigh • Romhsaigh • Sanndaigh • Siapansaigh • South Walls • Stronsaigh |
Gun dhaoine | Brough of Birsay • Calf of Flotta • Cava • Colbh Iadaigh • Copinsay • Corn Holm • Damsay • Eynhallow • Fara • Faray • Glims Holm • Helliar Holm • Holm of Faray • Holm of Huip • Holm of Papa • Holm of Scockness • Hunda • Kili Holm • Lamb Holm • Linga Holm • Muckle Green Holm • Muckle Skerry • Papa Stronsay • Pentland Skerries • Rusk Holm • Rysa Little • Sweyn Holm • Switha • Swona • Sùla-Stac • Sùlaisgeir • Wyre |