Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Rinneansaigh (North Ronaldsay)

Tuama nan Iolaire, càrn seòmarach is nua-chreagach ann an Raghnallsaigh.

'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann an Raghnallsaigh[1] neo Raghnallsaigh a Deas (Beurla: South Ronaldsay; Lochlannais: Rognvaldsey "eilean Raghnaill"). Tha e cho mòr ri 4,980 ha (19.2 mìle cheàrnagach ) agus mar 's e Raghnallsaigh an ceathramh eilean as motha ann an Arcaibh an dèidh Mòr-thìr Arcaibh, Hòigh agus Sanndaigh.[2]

Ann an 2011 bha 909 duine a' fuireach an seo[3] agus 550 ann an St Margaret's Hope, an tuineachadh nas cudromaiche ann an Raghnallsaigh agus an treas tuineachadh as motha ann an Arcaibh.

Tha rathad A961 air na Bacaidhean Churchill a' ceangal Raghnallsaigh don Mhòr-thìr agus seirbheis aiseig a' ceangal an eilean do Chataibh, faisg air Taigh Iain Ghròt.[4]

'S e Ward Hill a ' bheinn as àirde anns an eilean, tha e suidhichte ann am meadhan Raghnallsaigh. Tha e 119m (390 troigh) de dh'àirde.[5] Tha rathaid ann a leanas chun an stèisean rèidio a tha faisg air mullach na beinne.

Iomraidhean

deasaich
  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 358–59; ISBN 9781847672773
  3. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
  4. Pentlandferries
  5. Hill Bagging (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

deasaich