'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann am Brough of Birsay (Lochlannais/Nornais: Byrgisey). Tha e suidhichte san iar-thuath Mòr-thìr Arcaibh agus mu 13 mìltean tuath air Stromness. Ann an 2011 cha robh duine sam bith a' fuireach anns an eilean.[1]

Sealladh air Brough of Birsay

'S uarrainnear coiseachd chun an eilein thairis air dòirlinn nàdarra, ma bhios a' mhuir air falbh. Aig làn-mara tha an t-eilean air e a sgaradh bhon tìr mhòr leis an Sound of Birsay a tha mu 240 metair an leud.[2]

Eachdraidh

deasaich

Thathar den beachd gun deach na tuineachaidhean as sine ann am Brough of Birsay a thogail le miseanaraidhean Crìostail anns an 6mh linn. Anns an 7mh is 8mh linn bha Brough of Birsay fo smachd nam Cruithneach mus deach na Lochlannaich anns an 9mh linn. Chithear tuineachaidhean Cruithneach is Lochlannach air an eilean.[3] Tha iad fo chùram Alba Aosmhor a-nis.

Chaidh taigh-solais a thogail ann an 1925 le David A Stevenson. [4]

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
  2. Orkneyjar: Ancient seat of Orkney power.
  3. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 361; ISBN 9781847672773
  4. "Brough of Birsay Lighthouse". Northern Lighthouse Board. Retrieved 5 am Màrt 2010. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB HY236285