Eòghann MacLachlainn
B' e bàrd Gàidhlig agus sgoilear a bh' ann an Eòghann MacLachlainn (1773-1822).
Eòghann MacLachlainn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Loch Abar, 1775 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1822 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Obar Dheathain Colaiste an Rìgh |
Cànain |
Gàidhlig Beurla Laideann Seann-Ghrèigis |
Dreuchd | |
Dreuchd | faclairiche, cànanaiche, eadar-theangair, sgoilear clasaigeach, bàrd, sgrìobhadair agus leabhar-lannaiche |
Fastaichean | Oilthigh Obar Dheathain |
Gnè ealain | bàrdachd |
Tha e ainmeil airson nan eadar-theangaichean gu Gàidhlig a rinn e de sheann litreachas sa Ghreugais agus sa Laidinn, a’ bhàrdachd Gàidhlig a rinn e fhéin, agus an obair a rinn e air an Dictionarium Scoto-Celticum (Faclair a’ Chomunn Ghàidhealaich).
A Bheatha
deasaichRugadh e ann an 1773 ann an Loch Abar.[1]
Chaidh e do Cholaiste an Rìgh, Obar Dheathain.[1] B' e leabharlannaiche Colaiste an Rìgh a bh' ann.[1]
Rinn e obair cuideachd do Chomann Gàidhealtachd na h-Alba a' sgrùdadh làmh-sgrìobhaidhean a bh' aca airson na h-iomairt anns an robh an Comann an sàs gus na dàin Oisein le Seumas Mac a' Phearsain a dhearbhadh.[2] Sgrìobh e aithisg air na làmh-sgrìobhaidhean leis an tiotal The Celtic Analysis (a-nis aig NLS Adv.MS.72.3.4).[2][3]
Aig toiseach an 19mh linn, bha Comann Gàidhealtachd na h-Alba ag iomairt airson Cathair Ceilteach a bhith stèidhichte aig ìre oilthigh. Bhathar an dòchas gum biodh MacLachlain na Chathair, ach cha robh an iomairt soirbheachail agus stad e ann an 1813.[2]
An ath bhliadhna, thòisich e ag obair air Faclair Gàidhlig Comann Gàidhealtachd na h-Alba a chaidh fhoillseachadh ann an 1828.[1] Chùm e a' dol a' co-stiùireadh obair an fhaclair còmhla ri an Urr. Dr Iain MacLeòid gu àm a' bhàis.[2]
Mar bhàrd, sgrìobh e ann an Laidin agus Greugais a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig.[1] Dh'fhoillsich e leabhar bàrdachd, Metrical Effusions, ann an 1807.
Rinn e eadar-theangachadh gu Gàidhlig dhen Iliad ach cha deach fhoillseachadh gu 1937.[1]
Clàr-leughaidh
deasaichFoillseachaidhean MhicLachlainn
deasaich- 1807. Ewen MacLachlan Attempts in verse (Aberdeen: Printed for the author by J. Chalmers) (ann am Beurla, Laideann agus Greugais)
- 1808. Evano McLachlan Collegium Bengalense: nobilissimo et ornatissimo viro Marchioni de Wellesley, Indiae Orientalis Praefecto (Aberdoniae [Obar Dheathain]: J. Chalmers)
- 1810. Ewen MacLachlan Elegy on the death of Mr. James Beattie. (Aberdeen: s.n.)
- 1813. P. MacPharlain Co'-chruinneachadh de dh'orain agus de luinneagaibh thaghta Ghae'lach / Maille ris an Treas Duan de Sgeulachd na Tròidhe air a chur an Gaelig o'n Ghrèugais le Eobhon Mac Lachainn. (Dun-Eudainn [Dùn Èideann]: T. Stiubhart)
- 1937. Ewen MacLachlan Ewen MacLachlan's Gaelic verse : comprising a translation of Homer's Iliad, books I-VIII, and original compositions deas. le John MacDonald. (Inverness: Printed for the University of Aberdeen by R. Carruthers)
Dàin
deasaich- An t-Earrach: ann an An Lasair[4]
Obair Dheasachaidh
deasaich- 1818. Seumas Mac a' Phearsain Dàna Oisein mhic Fhinn: air an cur amach airson maith coitcheannta muinntir na Gaeltachd. deas. le 'Eobhan Mac Lachlainn' (Dun-Eidin [Dùn Èideann]: T. Stiubhart) (Leth-bhreac didseatach NLS)
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
deasaich- Meek, D. (2003) Caran an t-Saoghail Edinburgh: Birlinn
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 Meek, D. (2003) Caran an t-Saoghail (Edinburgh: Birlinn) d.480
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 Black, R. 1989. 'The Gaelic Manuscripts of Scotland' ann an Alba agus a' Ghàidhlig deas. le William Gillies, (Edinburgh: Edinburgh University Press) d.147
- ↑ Catalog NLS
- ↑ Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn), d.340-351 (le eadar-theangachadh gu Beurla)