Dùn Bhlàthain

Suidheachadh
Dùn Bhlàthain is located in Alba
Dùn Bhlàthain
Dùn Bhlàthain (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Pheairt
Parraist Dùn Bhlàthain agus Lecropt
Co-chomharran 56° 11′ 8″ Tuath
3° 57′ 59″ Iar
Comharradh-clèithe NN780009
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,811[1] (2011)

'S e baile ann an Alba meadhanach a tha ann an Dùn Bhlàthain (Beurla: Dunblane).[2] Tha e suidhichte ann an Comhairle Shruighlea agus tha e faisg air Sruighlea.

Daoine ainmeil

deasaich

Rugadh an cluicheadair-cneutaig Andy Moireach agus an seinneadair Dougie MacLean an seo.

Eachdraidh

deasaich

Tha am baile ainmeil airson muirt a thachair anns a' bhun-sgoil 13 am Màrt 1996. Chaidh 16 clann agus inbheach a mharbhadh le fear, Tomas Watt Hamilton, a mhuirt e fhèin às dèidh sin.

Tha àrd-eaglais mhòr an seo, Àrd-eaglais Dhùn Bhlàthain. Chuireadh beingidhean na còisire agus sgàil reredos anns an àrd-eaglais ann an 1914. B' e Robert Lorimer a dhealbhaich beingidhean na còisire. 'S e cuimneachan air an Easbaig Robert Leighton a th' anns an sgàil reredos. Stèidhichte Leighton an Leabharlann Leighton ann an 1684 nuair a dh'fhàg e a chuid leabhraichean is làmh-sgrìobhainnean dhan àrd-eaglais.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
  2. Dunblane/Dùn Bhlàthain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017.
  3. Iris 'Historic Scotland' Am Foghar 2014, d.5.