Dumbrăvioara
Sáromberke

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Mureș
Co-chomharran 46° 38 27' Tuath
24° 38 16' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,757 (2011)
Àireamh fòn +40 02 65
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag eadar Bistrița agus Târgu Mureș am broinn a' bhaile mhunaiseapail (Romàinis: municipiu) Ernei, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Dumbrăvioara (Ungairis: Sáromberke). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureș, aig 340m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Mureș. Tha 1,757 duine a' fuireach ann.[1] Tha mòr-chuid Ungairianich sa bhaile: 1,459 (86%) Ungairianich, 159 Romàinianaich (9.5%) agus 73 Rroma (4.5%) ann an 1992. 'S ann air àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte. 'S ann à Dumbravă (Gàidhlig: frith-choille) agus am meanbhair -ioară 's a tha an t-ainm oifigeil. Tha an t-ainm traidiseanta a' ciallachadh Beinn an lùdain ann an Gearmailtis bho Scharn (Gàidhlig: lùdan) agus berg (Gàidhlig: beinn).

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1319 mar Sarumberg ann an dà litir air an sgrìobhadh le Károly Róbert.[2] Tha tuineachadh air a bhith ann bho na Meadhan Aoisean, a rèir sgrìobhainn bho 1453, a thuirt gu robhar a' cumail margaidh ann. Bhuinneadh a' chiad neach-seilbh na talmhainn seo - fear air an robh Tamás Szécsényi - dhan chinneadh Kacsics: bha e na bhritheamh na thighearna grunn shiorrachdan air feadh Transilvania. Ghabh Antal Somkereki Erdélyi agus a shliochd am baile thairis ann an 1405, tro atharrachadh seilbh agus bha e fhathast leis an teaghlach siud fad linntean. Às deidh bàs Istvánné Erdélyi Krisztina Mindszenti, b' ann dhan t-Seansalair Dénes Bánffy a chaidh am baile, agus an uairsin às deidh a bàis do Mihály Teleki, às deidh 1674. Thàinig am baile ann an làmhan nan Teleki an an 1759. Thog Teleki Sámuel Caisteal ann an stoidhl bharocach ann an 1769, a chaidh a sgeadachadh ann an 1912. Thuit pàirtean a'chaisteil sìos ann an 1944.[3] 'S e sgoil a th' ann toglach a' chaisteil a-nis. Thogadh an eaglais Phròstanach ann an 1785. Thogadh an eaglais Chaitligeach ann an stoidhl Ròmanach Nuadh ann an 1905. A bharrachd air sin, tha taigh-dìthreabhaich ortadogsach ann, a bhuinneas dhan mhainistir ann an Toplița. Chaidh ainmean a' bhaile atharrachadh gu Dumbrăvioara ann an 1922, nuair a chaill An Ungair an sgìre air fad agus Transilvania na phàirt Romàinia on bhliadhna sin. A dh'aindeoin sin, 's e Șaromberc/Șarombărc ann an Romàinis, Scharnberg/Schallenbrich ann an Gearmailtis agus Sáromberke ann an Ungairis a tha muinntir an àite a' canntainn ris. Tha am baile ainmeil an latha an-diugh air feadh na dùthcha o chionn's gu bheil geaban mòr goban-corra ann.

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Szabó, Miklós. Sáromberke 1319–1994, 1. kiad, Sáromberki Református Egyházközség (1994)
  3. Orbán János: Egy erdélyi kastélyleltár 1787-ből, Korunk, 2005.
  4. Köblös Elekné: Emlékeimből (Balogh Edgár bevezetőjével). Korunk, Cluj-Napoca 1971.