Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach
B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1809 gu ruige 1918 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Weimar-Eisenach).[1] B’ e Weimar a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha[2] agus b' e an Teaghlach uasal Wettin a bha os a cionn.[3] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1809, nuair a ghabh Sagsainn-Weimar os làimh (Gearmailtis: Mediatisierung) Diùcachd Sagsainn-Eisenach. Bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[4] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Sagsainn-Weimar-Eisenach na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1809, a' cur a chuid shaighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais, a-measg na 2,000 a dh' iarr Napoleon air na stàitean ann an Sagsainn air fad. B' e rud doirbh dhan stàit a bha seo. Chaidh an Diùcachd àrdachadh gu Àrd-dhiùcachd ann an 1815.[5] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Sagsainn-Weimar-Eisenach agus leig an t-Àrd-dhiùc Wilhelm Ernst dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[6]
Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach Herzogtum Sachsen-Weimar-Eisenach | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1809 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Weimar | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 3,617 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 388,000 (1905) | |||||||
Dlùths | 107.27/km2 |
Ceannardan
deasaichBailtean
deasaich
|
|