B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair trì tursan (bho 1596 gu ruige 1638, bho 1640 gu ruige 1644 agus mu dheireadh thall bho 1662 gu ruige 1809) a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Eisenach (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Eisenach). B’ e Eisenach a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach uasal Wettin a bha os a cionn.[1] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1596. Chaidh an stàit a sgaradh eadar Saschsen-Altenburg agus Saschsen-Weimar eadar 1638 agus 1640, leis gun do chaochail an diùc Johann Ernst gun chlann. 'S e an aon rud a thachairt eadar 1662 agus 1644 air aon aon adhbhar, an dèidh Bàis Albrecht. Ghabh an stàit seo Jena thairis ann an 1692. Bha Sagsainn-Eisenach na ball Co-chaidreachas na Rèine[2] fad dìreach trì bliadhna, bho 1806 gu ruige 1809, nuair a ghabh Sagsainn-Weimar os làimh (Gearmailtis: Mediatisierung) i. Bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.

Diùcachd Sagsainn-Eisenach
Herzogtum Sachsen-Eisenach
15961809
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1596
Bliadhna mu Dheireadh 1809
Prìomh-Bhaile Eisenach
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis

Ceannardan

deasaich
  • Johann Ernst (1596 - 1638) Chaochail e gun chlann
  • Albrecht (1646 - 1644) Chaochail e gun chlann[3]
  • Adolf Wilhelm (1662 - 1668)
  • Wilhelm Augustus (1668 - 1671) Chaochail e gun chlann
  • Johann Georg I. (1671 - 1686)
  • Johann Georg II. (1686 - 1698) Chaochail e gun chlann
  • Johann Wilhelm (1698 - 1729)
  • Wilhelm Friedrich (1729 - 1741) Chaochail e gun chlann
  • Ernst Augustus I. (1741 - 1748)
  • Ernst Augustus II. (1748 - 1758)
  • Karl August: 1758 - 1809

Iomraidhean

deasaich
  1. Almanach de Gotha
  2. Napoleon
  3. Ripley Bazzar[dead link]