B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1826 gu ruige 1918 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Coburg agus Gotha (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Coburg und Gotha).[1] B’ e Coburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1826 tro Chòrdadh Hildburghausen, a dh'atharraich nan diùcachdan ann an Sagsainn an dèidh bàs Friedrich IV
à Saxe-Gotha-Altenburg gun chlann.[2] Thug Ar-a-mach na Gearmailt[3] buaidh mhòr air Sagsainn-Coburg agus Gotha agus leig an diùc Carl Eduard dheth an crùn, a' sgaradh na diùcachd ann an dà leth: Chaidh Coburg a thoirt a-steach gu Bayern agus Gotha gu Thüringen.
- Ernst I. 1826 - 1844
- Ernst II. 1844 - 1893
- Alfred 1893 - 1900
- Prionnsa Ernst II. zu Hohenlohe-Langenburg, na 1900 - 1905
- Carl Eduard 1905 - 1918