Diùcachd Anhalt-Bernburg
B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1803 gu ruige 1863 a bh’ anns an Diùcachd Anhalt-Bernburg (Gearmailtis: Herzogtum Anhalt-Bernburg). Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1803 tro àrdachadh Prionnsa Anhalt-Bernburg gu Diùc.[1] Bha Anhalt-Bernburg na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1807 gu ruige 1813,[2] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[3] Chuir Anhalt-Bernburg dìreach 700 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[4] B’ e Bernburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaochail an Diùc Alexander Karl gun chlann ann an 1863 agus fhuair Leopold IV an diùcachd mar dhìleab, ga aonadh le Anhalt-Dessau.[5]
Diùcachd Anhalt-Bernburg Herzogtum Anhalt-Bernburg | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1803 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1863 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Bernburg | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis |
Ceannardan na Stàite
deasaich- 1803 - 1834 Alexius Frederick Christian
- 1834 - 1863 Alexander Karl
Iomraidhean
deasaich- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Napoleon
- ↑ Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier, septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
- ↑ Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard, octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
- ↑ Deutsche Schutzgebiete