Diùcachd Anhalt-Dessau
B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1863 a bh’ anns an Diùcachd Anhalt-Dessau (Gearmailtis: Herzogtum Anhalt-Dessau). Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1807 tro àrdachadh Prionnsa Anhalt-Dessau gu Diùc.[1] Bha Anhalt-Dessau na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1807 gu ruige 1813,[2] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[3] Chuir Anhalt-Dessau dìreach 700 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[4] B’ e Dessau a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh Anhalt-Dessau a leasachadh ann an 1853, a' gabhail os làimh fearann ann Anhalt-Köthen nuair a chaochail an Diùc Heinrich Askanier[5] agus a-rithist nuair a dh' eug an Diùc Alexander Karl Askanier gun chlann à Anhalt-Bernburg[6] ann an 1863, ag aonadh Anhalt ann an aon diùcachd an dèidh 467 bliadhna.[7]
Diùcachd Anhalt-Dessau Herzogtum Anhalt-Dessau | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1806 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1863 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Dessau | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis |
Ceannardan na Stàite
deasaich- Leopold III. 1807 – 1817
- Leopold IV. 1817 – 1863
Iomraidhean
deasaich- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Napoleon
- ↑ Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier, septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
- ↑ Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard, octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
- ↑ Hertslet, Edward (1875), The map of Europe by treaty; showing the various political and territorial changes which have taken place since the general peace of 1814, London: Butterworths
- ↑ Deutsche Schutzgebiete
- ↑ Tacitus