Fàilte deasaich

Ciara Ghunnach a charaid,
Fàilte gu Uicipeid! Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn.
'S dòcha gum bi e feumail dhut cuideachd am fiosrachadh anns an Ro-ràdh, Cobhair agus Poileasaidhean a leughadh.
'S e obair là tòiseachaidh, mar sin, na bi diùid fios a chur thugamsa ma tha ceistean sam bith agad. Faodaidh tu cuideachd ceist fhàgail air Doras na Coimhearsnachd far an faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan.
Ma sgrìobhas tu teachdaireachdan air duilleagan deasbaireachd, briog air a’ phutan seo   a chì thu aig bàrr an uinneag deasachaidh aig deireadh do theachdaireachd. Gu fèin-obrachail, cuirear sìos d’ ainm agus an uair a sgrìobh thu. Faodar cuideachd ceithir ‘tilde’ (~~~~) a chleachdadh agus tachraidh an aon rud.
Gura math a thèid leat! --Susan.nls (an deasbaireachd) 13:43, 22 dhen t-Sultain 2017 (UTC)Reply

Poileasaidh nan eileamaidean deasaich

Halò a Chiara,

Lean mi poileasaidh gu mi-oifigeil agus chleachd mi ainmean on Seotal (http://anseotal.org/). Cha toigh leam na ainmean Beurla anns an Seotal ach 's e tùs neo-eisimeileach, mar Ainmean-Àite na h-Alba, a th' ann. Tha mi a' smaoineachadh gum feumaidh sinn aontachadh air poileasaidh (agus tùs) airson ainmean ceimigeach.

Dè ur beachd-sa?

Le meas, CreagNamBathais (an deasbaireachd) 06:25, 26 dhen t-Sultain 2017 (UTC)Reply

Ciara Ghunnach a charaid,
Nuair a bhios sinn a' freagairt theachdaireachdan, faodaidh am freagairt a chur as dèidh a' chiad fhear gus an cùm sinn an còmhradh còmhla agus soilleir ri leughadh. Ach sgrìobhaidh mi an turas seo anns a' chòmhradh air an deasbaireachd aig Creag nam Bathais. --Susan.nls (an deasbaireachd) 12:35, 29 dhen t-Sultain 2017 (UTC)Reply