Albistur 15:54, 1 an t-Sultain 2008 (UTC)Freagairt bho Albistur: A Shionnaich Chòir - Cha chreid mi gum bheil an tiotal cho cudthromach, ach mas math leat, atharraich e gu "Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig". A nis tha mi ag ullachadh uilt eile air Reul-eòlas air son Wikipedia. - Albistur.Albistur 15:54, 1 an t-Sultain 2008 (UTC)

Ghluais mi an aiste. Is dòcha nach eil an tiotal cho cudthromach, ach san fharsaingeachd cleachdar tiotal a tha gu math cumanta, mar sin s' urrainn do dhaoine aiste a lorg tro Ghoogle, m.e.: an seo, mar is trice bidh Wikipedia a' nochadh anns a' chiad àite. Tìoraidh an-dràsda --Sionnach 17:47, 1 an t-Sultain 2008 (UTC)
PS: Rudeigin eile: Chunnaic mi gun do chuir thu clàr-fiosrachaidh ris an obair agad. Math dha-rìribh!!! Agus ma bhios àireamh ISBN agad, cuir e ris an leabhar cuideachd, tha inneal lorg ann am Wikipedia, m.e.: Richard A.V. Cox, Brigh nam Facal ISBN 0903204215. Mòran taing.


Albistur, a charaid, seo mise a-rithist-:) Chan eil mi cinnteach, am bu toil leat Bàrdachd Eòrpach an Gàidhlig mar tiotal neo am b'fheàrr leat Bàrdachd Eòrpach ann an Gàidhlig neo is dòcha Bàrdachd na Roinn-Eòrpa an Gàidhlig (tiotal an leabhair). Mar sin, dh'fhag mi an aiste far a bheil e. Ach 's urrainn dhut aiste a ghluasad gu tiotal eile cuideachd. Dìreach buail air an t-soidhne "gluais" aig ceann na duilleige agus chì thu ciamar a dh'obraicheas e. Feuch e, ma thogras tu, chan eil dad ceàrr le sin. No cuir fios thugam. Beannachdan --Sionnach 19:53, 30 an Lùnastal 2008 (UTC)

PS: Tha e math aistean ann an deagh Ghàidhlig fhaicinn an seo!


Halò Albistur!

Fàilte an seo. Chunnaic mi dè sgrìobh thu mu France Prešeren. Glè inntinneach! Ach na mo bheachd-sa bhiodh e nas fheàrr am pàirt seo a ghluasad gu aiste leis fhèin (fo thiotal "France Prešeren") agus an uair sin ceangal a chur eadar na dhà. Dè do bheachd?--Sionnach 05:22, 8 an t-Iuchar 2008 (UTC)

Albistur 13:31, 27 an t-Iuchar 2008 (UTC)Tha mi ag aontachadh leat. Bi cho math agus gluais e gu aiste leis fhein. Albistur.Albistur 13:31, 27 an t-Iuchar 2008 (UTC)

Rinn mi sin, faic an seo: France Prešeren. Deagh aiste, gu dearbh! Beannachdan --Sionnach 20:30, 29 an t-Iuchar 2008 (UTC)
PS: Ma bhios ceist agad, gu h-àraid air stuth teicneòlach Wikipedia, dìreach cuir fios thugam an seo:User talk:Sionnach.

Dà aiste airson aon chuspair

deasaich

Chunnaic mi gun robh thu trang a-rithist. Mòran taing. Ach a-nis tha dà aiste ann airson aon chuspair: Seòras Santayana – Feallsanach agus Bàrd (1863-1952) agus Seòras Santayana. Chan eil sin math idir, molainn-sa na dà aiste a' gluasad ri chèile mar aon fo thiotal Seòras Santayana. Tha e nas fheàrr tiotal goirid a chur ris na h-aistean, cha bhiodh duine a' lorg aiste fo ainm "Seòras Santayana – Feallsanach agus Bàrd (1863-1952)". 'S urrainn dhomh an gluasad ri chèile, ma bhios e ceart gu leòr dhut? Le meas --Sionnach 21:08, 12 an Lùnastal 2008 (UTC)

Tha mi ag aontachadh leat mu m' alt air Santayana. Is urrainn dhuit 'atharrachadh mas math leat. - "Albistur".
Rinn mi e, seo e a-nis: Seòras Santayana. Agus na gabh dragh mun stuth teicneòlach, dìreach cum ort leis an deagh obair agad! Beannachdan --Sionnach 11:31, 24 an Lùnastal 2008 (UTC)

An Tuil

deasaich

Deagh obair a-rithist! Ach ghluais mi an aiste gu tiotal eile (mar as àbhaist:-)) -> An Tuil (Duanaire) agus chuir mi duilleag shoilleireachadh ann cuideachd -> An Tuil. Rinn mi beagan obrach air an aiste cuideachd, dìreach ceanglaichean gu aistean eile amsaa. Leis an dòchas gu bheil sin ceart gu leòr, beannachdan --Sionnach 07:57, 30 an Lùnastal 2008 (UTC)

Dealbhan

deasaich

Halò Albistur, a charaid, tha mi duilich nach do fhreagair mi roimhe, ach bha mi air falbh cola deug.

Tha thu ceart mun "Copyright" agus tha mi toilichte faicinn, gun do chuir thu dealbhan eile a-steach à Wikipedia Commons. Tha fios agam gu bheil lagh na dealbhan uabhasach doirbh.

Ma tha thu airson dealbh a chur ri Wikipedia, cleachd an "syntax" coimpiutaireachd mar seo:

  • dòigh shimplidh:

[[Image:Sin escudo.svg]] Bidh an dealbh a' nochdadh mar seo:  


 
Teacsa xxx

Airson doigh nas fheàrr cleachd seo:

  • [[Image:Sin escudo.svg|right|80px|thumb|Teacsa xxx]]

Bidh an dealbh a' nochdadh mar seo:

    • Tha "right" neo "left" a' ciallachadh, càite am bi an dealbh anns an aiste.
    • Tha "80px" a' ciallachadh, dè cho mòr a bhios an dealbh anns an aiste. S' urrainn dhut àireamh eile a chur ann, m. e.: 250px, 300px...
    • Tha "thumb" a' ciallachadh gum bi "frame" mu thimcheall na deilbhe.
    • An dèidh an | 's urrainn dhut mìneachadh a sgrìobhadh fon dealbh.

Tha mi an dòchas gum bi thu a' tuigsinn dè tha mi ag iarraidh a ràdh, mura bi, cuir fios thugam. Thòisich mi air duilleag cuideachadh a sgrìobhadh cuideachd, is dòcha, gu bheil sin feumail dhut-sa. Beannachdan --Sionnach 20:09, 12 an Dùbhlachd 2008 (UTC)