Deasbaireachd:Loch an Ime, an Teanga
Is ceist mhór i, dé an litreachadh as fearr air ainm an loch seo, “Loch an Ìme” le sràc no “Loch an Ime” gun sràc.
Tha mi cinnteach gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh “loch of the butter”, oir is e loch tana a th’ ann a bhiodh gu math freagarrach airson ìm a chumail fuar ann air latha tè samhraidh. “Butter” ann an Gàidhlig na h-Albann, ’s e “ìm” /iːm/, le sràc agus le ‘i’ fhada; “butter” ann an Gàidhlig na h-Éireann ’s e “im” /ɪm/, gun sràc agus le ‘i’ ghoirid. Seach gu bheil an loch seo ann an Albainn, shaoileadh tu gur e “Loch an Ìme” le sràc an litreachadh a bhiodh ceart.
Ach chan eil an sgeul cho sìmplidh. Tha loch beag eile leis an aon ainm air an Druim Dìomhainn eadar Tarsgabhaig agus Achadh na Cloiche, agus Spìdeag (Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill) bho Achadh na Cloiche a thuirt sin rium, b’ e /Lɔx ənʼ jɪmə/ (no rudeigin coltach ri sin), le ‘ɪ’ gu math goirid a thuirt esan. Saoil an e rian den t-seann fhuaimneachadh a tha sna h-ainmean àite agus ann an Gàidhlig na h-Éireann, mus do dh’fhàs an ‘i’ fada??
--Caoimhin (an deasbaireachd) 22:18, 30 dhen Dùbhlachd 2014 (UTC)
Dè mu dheighin Lochlannach? Gunmhoine (an deasbaireachd) 03:51, 31 dhen Dùbhlachd 2014 (UTC)
- Mòran taing airson sin. Dhìochuimhnich mi na stràcan a thoirt air falbh, nuair a ghluais mi an aiste.
- @ Gunmhoine: Tha thu ceart, 's e tuiseal ginideach a th' ann bhon fhacail "Ìm" .
- @Caoimhin: Seadh, bhiodh e math barrachd fhaighinn a-mach dè tha air cùl ainmean nan lochan, na sgeulachdan a tha ceangailte riutha amsaa. --Sionnach (an deasbaireachd) 08:31, 31 dhen Dùbhlachd 2014 (UTC)
À! Tha mi air rud a ionnsachadh. Ged is e “ìm” le sràc an tuiseal ainmneach, is e “ime” gun sràc an tuiseal ginideach. Tha sin ann am Brìgh nam Facal cuideachd. Seo rud math a thaobh a bhith a’ “ceartachadh” daoine air an Uicipeid, gum bidh thu a’ faighinn a-mach nuair a tha thu air a bhith ceàrr fad bhliadhnaichean! --Caoimhin (an deasbaireachd) 12:42, 5 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)