Deasbaireachd:Iain Bàn Òg

Latest comment: 10 bhliadhnaichean air ais by MacRusgail

So, ainm an duine chòir seo: Chruthaich mi an duilleag seo le 'John Whyte' oir bha mi co-dhiù airson toiseach tòiseachaidh gus an tàinig mi tarsainn air an t-ainm a chleachd e fhèin sa Ghàidhlig (Seachainidh mi siud a dhèanamh a-nis agus cumaidh mi notaichean dhomh fhìn gus am bi aiste nas fhearr agam deiseil). Anns na foillseachaidhean a chuir mi san duilleag, tha e soilleir gun do chleachd e Iain Whyte no Iain Bàn Òg. Chan eil beachd làidir cò am fear a bhiodh ann mar tiotal na duilleige is bhiodh fàilte ro bheachdan eile. Thisissusanbell (an deasbaireachd) 08:58, 30 dhen Dàmhair 2014 (UTC)Reply

Is fhearr dha a bhith aig tiotal Gaidhlig. Sgriobh e sa Ghaidhlig...--MacRusgail (an deasbaireachd) 15:36, 5 dhen t-Samhain 2014 (UTC)Reply
Is fheàrr leam ainm Gàidhlig cuideachd. An do chleachd e fhèin an t-ainm "Iain MacGhille-bhàin" a-riamh no dìreach an t-ainm "Iain Bàn Òg" a-mhàin?--Sionnach (an deasbaireachd) 20:39, 5 dhen t-Samhain 2014 (UTC)Reply
Anns na foillseachaidhean Gàidhlig, chleachd e 'Iain Whyte'. Cha do lorg mi "Iain MacGhille-bhàin" idir. Saoilidh mi gur e 'Iain Whyte' mar tiotal agus 'Iain Bàn Òg'/I.B.O. san aiste mar far-ainm an rud as fhearr. Thisissusanbell (an deasbaireachd) 17:01, 6 dhen t-Samhain 2014 (UTC)Reply

Chaill an siostam an stuth a sgriobh mi. Ach is fhearr leamsa IBO. Tha Gaidhlig air Whyte - agus Bell cuideachd.

My name is my choice and my business. Thisissusanbell (an deasbaireachd) 20:50, 6 dhen t-Samhain 2014 (UTC)Reply

Glè mhath. @MacRusgail:"Do not make personal attacks anywhere in Wikipedia. Comment on content, not on the contributor".--Sionnach (an deasbaireachd) 07:10, 8 dhen t-Samhain 2014 (UTC)Reply

"Do not make personal attacks anywhere in Wikipedia" - Huh?! Cha do rinn mi sin IDIR!!! Tha foirm(ean) sa Ghaidhlig air ainmean cumanta mar "Whyte", ged nach chleachd gu tric, agus chan eil fhios aig a' mhorchuid orra (BBC Alba na measg a-reir coltais).
"My name is my choice and my business." - Tha mi duilich gun d'thug sibh ciall thàireil/ionnsaidheach as, ach chan eil moran daoine eolach air eadar-theangachadh "Bell" (MacGilleMhaoil), agus sin an aobhar a thubhairt mi sin.-MacRusgail (an deasbaireachd) 12:44, 9 dhen t-Samhain 2014 (UTC) p.s. Cha mholainn-sa "Kindle" airson Uicipeid a dheasachadh.Reply
Till gun duilleag "Iain Bàn Òg".