Deasbaireachd:Con-dobhraid
Latest comment: 7 bhliadhnaichean air ais by Caoimhin in topic Ainm a’ bhaile sa Ghàidhlig
Ainm a’ bhaile sa Ghàidhlig
deasaichSeach gun robh duilleag Uicipeid againn don bhaile agus duilleag Uicipeid don sgoil agus nach robh na h-ainmean Gàidhlig ag aontachadh ri chéile, thòisich mi deasbad còmhla ri Mìcheal Bauer agus Iain Mac an Tàilleir. B’e Con-dobharait agus Con-Dobharait a bha roimhe seo san Fhaclair Bheag, bho Con-dobharait sa Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig 1993, ach b’e Bun-sgoil Chondobhrait a bhathar mar as trice a’ cur air an sgoil. Thug sinn sùil air an tràchdas aig Peter Drummond (2014).
Dh’aontaich sinn:
- Gum bu chòr tàthan a bhith sa litreachadh, a shealltainn gur ann air an dàrna lide a tha a’ bhuille.
- Ged a bhiodh con- a’ dol ’na comh- ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha an t-ainm cho aosta, a’ dol air ais dhan t-Sean-Bhreatnais is dòcha, agus cho doilleir ann an Gàidhlig an latha an-diugh, gum biodh e faoin comh- a sgrìobhadh.
- Ged a tha e gu math coltach gur e mìr coltach ri dobur san t-Seann-Ghàidhlig, dyfer san t-Sean-Chuimris, dobhar san fhacal dobhar-chù a tha ann an cridhe an ainm, bhiodh e nàdarra an dàrna lide a chall agus -dobhr- a chleachdadh seachas -dobhar-.
- Gum biodh -aid beagan nas fhearr na -ait aig deireadh an ainm, seach am facal doburnaid san t-Sean-Ghàidhlig, dyfrhad sa Chuimris, agus seach gu bheil -aid nas cumanta na -ait ann an ainmean-àite Gàidhlig.
Mar sin, dh’aontaich sinn air an litreachadh Con-dobhraid.
--Caoimhin (an deasbaireachd) 18:39, 29 dhen t-Sultain 2017 (UTC)