Is baile beag ann an Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath a th' ann an Con-dobhraid[1] (Beurla: Condorrat). Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh Linn. Tha Bun-sgoil Chon-dobhraid ann, le sruth teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig bho sgoil-àraich gu prìomh 7.

Taigh John Baird
Suidheachadh
Suidheachadh
Con-dobhraid
Suidheachadh Chon-dobhraid

Rugadh John Baird, duine rèabhlaideach, ann an Con-dobhraid air 1 an t-Sultain 1790.

Chaidh cruthan eachdraidheil (Cundurat 1526, Cundurat 1553, Conderet 1755, Condorit 1816, Condorrat 1864) agus brìgh an ainm a sgrùdadh anns an tràchdas PhD aig Peter Drummond, Oilthigh Ghlaschu 2014[2], td 228. Tha e gu math coltach gu bheil con- aig toiseach an ainm a’ ciallachadh ‘còmhla’, coltach ri con-/com- sa Bheurla, agus comh- ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Tha e gu math coltach cuideachd gu bheil an -dorr- a’ ciallachadh ‘uisge’, coltach ri dobhar-chù ann an Gàidhlig an latha an-diugh, dwfyr san t-Seann-Chuimris, dŵr ann an Cuimris an latha an-diugh. Chan eil an -at aig deireadh an ainm chomh soilleir, ach bha facal doburnaid san t-Sean-Ghàidhlig, a’ buntainn ri uisge a’ sruthadh, agus tha facal dyfrhad ann an Cuimris an latha an-diugh, a’ ciallachadh sruthadh le uisge no bogadh ann an uisge.

Iomraidhean

deasaich
  1. Am Faclair Beag
  2. http://theses.gla.ac.uk/5270/1/2014DrummondPhD.pdf#229> Peter Drummond, PhD, Oilthigh Ghlaschu, 2014