Deasbaireachd:Biadh ro-dheasaichte
Latest comment: 9 bhliadhnaichean air ais by Glan-adair2015
Bu toil leam deasbad a thogail an-seo a thaobh molaidhean aig daoine air a' Ghàidhlig a chuireadh iad air Biadh "Take-away". 'S e biadh ro-dheasaichte a' Ghàidhlig a chuala mi air an t-seòrsa bìdh a th' air a dheasachadh mus ceannaichear e, agus a bheirear air falbh. Ach, chan eil dad stèidhichte ann cho fad 's as aithne dhòmhsa.
Neach sam bith le molaidhean?
- Is toil leamsa am facal grad-bhiadh. Ach chan eil fhios agam a bheil sin ann no a bheil e cumanta.--Each-uisge (an deasbaireachd) 13:34, 2 dhen Iuchar 2015 (UTC)
- Chan e grad-bhiadh a th' anns a h-uile biadh a tha deasaichte ro làimh airson a thoirt air falbh. Bhiodh sin ceart gu leòr 'son Fast-food.--Glan-adair2015 (an deasbaireachd) 15:13, 2 dhen Iuchar 2015 (UTC)