Deasbaireachd:Am Both Cheit
Bu toigh leam an duilleag seo a ghluasad gu “Bathgate”. Chan eil mi a’ faighinn lorg air fianais sam bith airson “Both Cheit”. Chan eil e aig Ainmean-Àite na h-Alba, chan eil e aig Iain Mac an Tàilleir, chan eil e aig Scot-rail. Tha leabhar gu math earbsach aig John Garth Wilkinson ag aideachadh gur ann bhon Bhreatnais a tha e, cf. Cuimris Baedd coed, ‘coille nan torc’, agus dhearbhaidh Niall MacGriogair sin rium, a tha air cùrsaichean a theagasg mu ainmean-àite ann an Lodainn. --Caoimhin (an deasbaireachd) 16:42, 9 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Tha "Both Cheit" anns am fo-chorpas naidheachd ann an ARCOSG an seo bho ro 2001: http://datashare.is.ed.ac.uk/bitstream/handle/10283/2011/ns09.txt - 's docha chleachd Radio nan Gàidheal an aon tùs? --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 20:59, 9 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Tha "Bathgate" ann an "Scottish Place Names" le David Ross (Birlinn 2001, d. 26). Tha ainmean Cuimris ann an siud agus tha iomradh mar "Bathchet" ann cuideachd. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 05:58, 10 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Ceart gu leòr, ghluais mi an duilleag. Bheir mi sùil air a' mhapa aig Roy Pedersen a-rithist a-màireach, tha mi an dòchas gum bi barrachd fiosrachadh ann. Mòran taing airson nan tùsan inntinneach a lorg, chuir mi cuid dhiubh ris an aiste. @ Comhachag-bheag: Bhiodh e inntinneach cuideachd na tha David Ross ag ràdh mu eachdraidh an ainm a chur ris an aiste cuideachd. --Sionnach (an deasbaireachd) 20:52, 10 dhen t-Sultain 2016 (UTC)