Deasbaireachd:An Eala Bhàn
Latest comment: 7 bhliadhnaichean air ais by Emain Macha
Tha coltas ann gum bi againn ris na faclan an seo a sguabadh às is an t-òran fhathast fo dhlighe-sgrìobhaidh (copyright). Chaochail an t-ùghdair ann an 1967, agus mairidh dlighe-sgrìobhaidh ann am Breatainn gu 70 bliadhna as dèidh bàis (faic an seo). A bheil argumaid/fianais aig daoine nach biodh e fo dhlighe-sgrìobhaidh? --Susan.nls (an deasbaireachd) 13:56, 12 dhen Chèitean 2017 (UTC)
- A-rèir Tobar an Dualchais (http://www.tobarandualchais.co.uk/termsofusedetails#fair), fo dhèiligeadh cothromach, "You may not quote a piece in its entirety". Chan eil mi a' creidsinn gur h-e aon de seòrsaichean dèiligidh chothromaich a tha ann an Uicipeid:
- "Does your use fit into one of the three categories of fair dealing? (1. non-commercial research or private study; 2. criticism or review; 3. news reporting of current events)"
- --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 08:52, 13 dhen Chèitean 2017 (UTC)
- Tha mi a' dol leat. Chì mi anns an Eachdraidh gur e an cleachdaiche Krakumal a chur ann e agus chan eil e/i gnìomhach tuilleadh 's mar sin tha e a' cheart cho math dhuinn ga chur às. --Emain Macha (an deasbaireachd) 12:14, 14 dhen Chèitean 2017 (UTC)