An Eala Bhàn
'S e An Eala Bhàn òran gaoil le Dòmhnall Ruadh Chorùna.[1] Chaidh a sgrìobhadh sa Chogadh Mhòr mu dheidhinn nighean air an robh e measail ann an Uibhist a Tuath.
'S e seo fear de na h-òrain as ainmeile ann an ceòl na Gàidhlig. Bhuannaich e taghadh airson 'Òran na Bliadhna' ann an 2010 ann an iomairt a rinn BBC Alba.[2]
Òran
deasaichSeo a' chiad rann:
- Gur duilich leam mar tha mi
- 'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
- Bhon an uair a dh'fhàg mi
- Beanntan àrd a' cheò
- Gleanntannan a'mhànrain
- Nan loch, nam bàgh 's nan sròm
- 'S an eala bhàn tha tàmh ann
- Gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.
Chan fhaodar an t-òran slàn fhaicinn an seo oir tha e fo dlighe-sgrìobhaidh. Chithear e agus Far an èistear ris air a sheinn le Iain MacAoidh, Calum Ceanadach, Dòmhnall Maccoinnich (Dòmhnall Chròic), Gòrdan Mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan agus Seumas Greumach air làrach-lìn Bliadhna nan Òran.
Iomraidhean
deasaich- ↑ An Eala Bhàn air Làrach-lìn Bliadhna nan Òran aig BBC Alba. (leughte 22 Sultain 2014)
- ↑ Òran na Bliadhna air Làrach-lìn Bliadhna nan Òran aig BBC Alba. (leughte 22 Sultain 2014)
Ceanglaidhean a-muigh
deasaich- An Eala Bhàn air Làrach-lìn Bliadhna nan Òran aig BBC Alba