'S e am Magh Leamhna a th'oirre 'sa Ghàidhlig.

Fàilte gu Uicipeid! Tha fàilte romhad fiosrachadh air an Uici ùrachadh, ach feumar iomradh gu tùs earbsach a bhith ann a bheireas taic gu sin. Bidh na duilleagan Cobhair feumail dhut. Cuideachd, bu chòir dhut d' ainm agus an uair a chuir sìos às dèidh an teachdaireachd mar seo: Susan.nls (an deasbaireachd) 11:34, 8 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply

[1] tha ainm Gàidhlig air a' bhaile ged nach d'rinn AAA eadar-theangachaidh dhe. 'S dòcha an aithne dha OP an àite agus ainmichidh e/i sin cuideachd? Magh Leamhna (an deasbaireachd) 06:21, 9 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply

Fàilte gu Uicipeid! Uill, chan eil an aiste sin a' toirt iomradh air tùsan agus tha Rèile na h-Alba fhèin a' cleachdadh na h-ainmean AÀA; faic “Scotrail: Station Names 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2017 (pdf). Tha AÀA ann an aiste eile ag ràdh: "The name of the river from Loch Lomond is Leamhain, gen. Leamhna, Leven, meaning ‘ Elm-water.’ Its plain, the Vale of Leven, was Magh Leamhna, and Loch Lomond was of old Loch Leamhna,: Watson 1926, 119."[2] A bheil fianais eile agaibh? --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 06:48, 9 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply
Taing airson an fhiosrachaidh seo CreagNamBathais. Dh'fhaodadh gu bheil tùs earbsach eile ann seach AÀA - agus faodar an cuir ris an aiste aon uair 's gun nochd iad. Aig an ìre-sa ged-ta, seo na puingean an luib na ceist seo:
  • Tha duilleag Am Magh Leamhna air an Uici mar-thà - airson Vale of Leven.
  • Bu chòir dhuinn tùsan earbsach a chleachdadh. Chan eil na chanas an OP (fiù's ma tha iad ceart) na thùs earbasach oir chan fhaod leughadairean eile am fiosrachadh a dhearbhadh.
  • Chan eil an liosta bho newsnetscotland.com earbsach nas motha; chan eil an làrach aithnichte mar eòlaichean/rannsaichean air Gàidhlig no ainmean-àite ('s chan eil e ann tuilleadh a rèir coltach), chan eil fhios cò sgrìobh e, chan eil fhios dè tha an rionnag * ri taobh 'Magh Leamhna' anns an liosta a' ciallachadh. Mholainn-sa do en.wikipedia gun a bhith ga chleachdadh. --Susan.nls (an deasbaireachd) 20:52, 9 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply


Iomraidhean

deasaich
  1. List of railway station names in English, Scots and Gaelic bho webarchive |url=https://web.archive.org/web/20130122064223/http://newsnetscotland.com/index.php/component/content/article/2999-list-of-railway-station-names.html |date=January 22, 2013
  2. River Leven/Uisge Leamhain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2017.
Till gun duilleag "Alexandria".