Dag Hammarskjöld
B' e eaconamaiche, riochdaire dioplòmasach agus sgrìobhadair às An t-Suain a bh' ann an Dag Hjalmar Agne Carl Hammarskjöld (IPA: dɑːɡ ˈhamːarɧœld, Jönköping 29 an t-Iuchar 1905 - Ndola 18 an t-Sultain 1961). Bhuineadh Hammarskjöld do sheann theaghlach uasal agus thogadh e ann an caisteal faisg air Uppsala. Bha athair, Hjalmar Hammarskjöld, na phrìomhaire na Suaine eadar 1913 agus 1918.[1] Chuir e seachad bliadhnaichean ag obair ann am bancaireachd agus às leth an Riaghaltais san dùthaich aige fhèin, mus an d'fhuair e an dreuchd mar cheannard nan Dùthchannan Aonaichte.[2] Chaidh a mharbhadh ann an tubaist phlèana Afraga, is e air an t-slighe gu còmhraidhean sìthe ann an Katanga. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe às dèidh a bàis ann an 1961.[3]
Na sgrìobh e
deasaich- 1963 – Vägmärken (Air fhoillseachadh às dèidh a bàis)
Aistean Co-cheangailte
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ World Statesmen
- ↑ Sheldon, R., (1987), Hammarskjöld. New York: Chelsea House Publishers, ISBN 0-87754-529-4
- ↑ Nobel Prize