Cordon
Fiosrachadh
Seòrsa Drama
STIÙIREADH Tim Mielants
CEÒL Senjan Jansen
DEASACHADH Bert Jakobs
Riochdeachadh Eyeworks
Cànan Duitsis
Dùthaich A' Bheilg
Suidheachadh Antwerpen
Craoladairean VTM
FOX Nederland
BBC 4

'S e drama airson an telebhisein à Flanndras a th’ann Cordon is chaidh a dhèanamh leis a’ chompanaidh VTM ann an 2014. Bha an sreath air a stiùireadh le Tim Mielants, a sgrìobhadh le Carl Joos agus a riochdachadh le Eyeworks.[1]

SgeulDeasaich

Anns an sreath, thèid bìoras marbhtach a thoirt a-steach dhan fhaoinsgeulach Institiut Naiseanta airson Galaran Gabhaltach ann an Antwerpen (NIIZA), le euslainteach. Le sin, thèid an sgìre fhasanta Zuid Antwerpen a dhùnadh bhon t-saoghal air fad, feuch an cur stad air sgaoileadh a’ bhìorais.

CleasaicheanDeasaich

  • Wouter Hendrickx als Jokke Deelen
  • Liesa Van der Aa mar Jana
  • Tom Dewispelaere mar Lex Faes
  • Veerle Baetens mar Katja
  • Mieke De Groote mar Sabine Lommers
  • Johan Van Assche mar Dr. Cannaerts
  • Koen De Sutter mar Leo Gryspeerts
  • Zoë Thielemans mar Ineke
  • Ricko Otto mar Tyl
  • Hugo Van Den Berghe mar Bert
  • Robbie Cleiren mar athair Ineke
  • Sven De Ridder mar Nald
  • Steve Geerts mar Toon
  • Greet Verstraete mar Suzy
  • Jelte Blommaert mar Quinten
  • Frieda Pittoors mar Micheline
  • Mathijs Scheepers mar Bram
  • Koen De Bouw mar Bob Blyweerts
  • Inge Paulussen mar màthair Ineke
  • Marthe Schneider mar Lien
  • Geert Van Rampelberg mar Sam
  • Tibo Vandenborre mar Mees
  • Jan Hammenecker mar dràibhear a’ bhus
  • Michael Pas mar àrd dheasaiche a’ phàipeir
  • Nico Sturm mar Dr. Devreese
  • Jan Bijvoet mar Luc Blyweerts
  • Maïthé Foucher mar Britney
  • Greg Timmermans mar Dennis
  • Warre Borgmans mar riochdachair

Eadar-sgèoilDeasaich

Eadar-sgeul A’ chiad turas Luchd-coimhid Às a’ cheud (%)
1 10 am Màrt 2014 900,801 37.53
2 17 am Màrt 2014 898,858 36.53
3 24 am Màrt 2014 620,710 28.14
4 31 am Màrt 2014 658,301 28.34
5 7 an Giblean 2014 583,701 25.61
6 14 an Giblean 2014 543,545 25.01
7 21 an Giblean 2014 655,487 28.96
8 28 an Giblean 2014 599,181 27.37
9 5 an Cèitean 2014 548,419 24.84
10 12 an Cèitean 2014 638,334 29.19

Dreach ùr anns na StàiteanDeasaich

Dh’innis a’ chompanaidh Aimeireaganach CW air 2 an Gearran 2015 gum filmeadh iad pìolait an sreath airson luchd-coimhid anns na Stàitean Aonaichte agus gum bi am prògram ùr suidhichte ann an Atlanta.[2] Dh’innis Eyeworks air 8 an Cèitean 2015, a’ chompanaidh a rinn a’ chiad dreach anns A' Bheilg, gun deigheadh an dreach ùr a chraoladh ann an 2015 air CW Television.[3] Bidh an sreath air a suidheachadh ann an Atlanta, a stiùireadh le Julie Plec agus a riochdachadh David Nutter. Cleachdar an tiotal "Containment" thall sna Stàitean.[4]

IomraidheanDeasaich

  1. [1]
  2. CW
  3. De Morgen
  4. VTM Nieuws