Comhchruinneacha do dhʼ Orain Taghta Ghaidhealach
'S e leabhar bàrdachd a th' ann an Comhchruinneacha do dhʼ orain taghta Ghaidhealach (1813) a dheasaich Paruig Mac-an-Tuairneir.
'S e an tiotal slàn 'Comhchruinneacha do dh' Orain Taghta, Ghaidhealach, nach robh riamh roimhe Clo-bhuailte gus a nis, air an Tional o Mheodhair, air feadh na Gaidhealtachd a's Eileine na h-Alba'. Chaidh a chlò-bhualadh ann an Dùn Eideann le T. Stiubhart. Tha còrr is 100 òran anns an leabhar.
Paruig Mac-an-Tuairneir
deasaichThathar a' creidsinn gur ann à Còmhall a bha e agus gu do shiubhal e air feadh na Gàidhealtachd a' cruinneachadh bàrdachd.[1]
Òrain is Ùghdairean
deasaich- Maiririad Ni'-Lachuinn (4)
- Màiri nighean Alasdair Ruaidh (1)
- Iain Lom (19)
- Ailein Buidhe (7)
- Rob Donn (10)
- Sileas na Ceapaich
- Iain Ruadh Stiùbhart
- Iain MacCodrum (1)
- Seumas MacGhilleSheathanaich (5)
- Donnacha Gobha
- agus bàird gun ainm eile.
Tùsan
deasaich- Mac-an-Tuairneir, Paruig. 1813. 'Comhchruinneacha do dh' Orain Taghta, Ghaidhealach, nach robh riamh roimhe Clo-bhuailte gus a nis, air an Tional o Mheodhair, air feadh na Gaidhealtachd a's Eileine na h-Alba' (Duneidionn: Clo-bhuailte air son an ughdair, le T. Stiubhard)
Iomraidhean
deasaich- ↑ MacLean, Donald. 1915. Typographia Scoto-Gadelica. d.361