Is e gual mèinnear cruaidh dubh air a chleachdadh mar chonnadh. Tha gualan pàirt mhòr dhe, ach bithidh tearr, ola agus fiu 's aillnean haidhdreo-ghualachd glaiste ann.

Gual

Lorgar gual an breithean fo bharr na talmhainn. Ann an Alba (agus gu dearbh anns a' choir de Breatainn), is glè bheag de na breathan-ghuail a tha nas motha na 900mm 'san tiughad

Seòrsaichean Ghuail

deasaich

Tha iomadh seòrsa gual sònraichte le ainm fa leth, mar eisimpleir, anthracite, gual còcaidh, gual-stoithe 7c. Tha na ainmean seo stèidhichte gu ìre mhòr air na gnìomhan a bha gach seòrsa gual bu fhreagarrach ris, ach tha na feartan de gach gual a' crochadh air a choimheasg cheimidh.

Is ann an anthracite gual cruaidh a tha mu 95% gualachd, 2-3% haidhdreo-ghualan agus mu 2% uisge. Losgaidh e gu theth le làs ìosail agus as aonais smùid. An lùib na feartan seo b'e anthracite connadh a' roghainn leis a' Chabhlach Rìoghail re an 19mh agus tràth 'san 20mh Linn (mus tàinig ola a bhi na chonnadh àbhaisteach do goillearan luinge). Bha pailteas de anthracite ann an ceann-a-deas a' Chuimrigh agus aobharaiche am fèille air an son buaidh mhòr don eaconamaidh Cuimreach re an 19mh Linn.

Is ann an gual-còcaidh gual meadhanach làidir le mu 35% de haidhdro-ghualachd na broinne. Dèanar còc as le cuir urchair dheth a-steach air amhainn sònraichte far an tèid a teasachadh as aonais adhair. An lùib an teas, leaghaidh na tearran anns a' bhroinne, thèid iad a sileadh as agus tharrainnear iad dheth bho bun na h-amhainne. Fuasglaidh na haidhdro-ghualanachd as aotrom nan àile neo gas agus tarrainear iadsan dheth a bhith losgta mar truaill neo a bhi cleachdta nan connaidh. Is e còc an stugh a tha air fhàgail as dèidh seo, aotrom le bàrr fhosgailte cha mhòr nach e gualan a-mhàin a tha ann. Losgaidh e gun smùid idir, le làs ìosail agus cleachdar e an furnaisean-iarrainn: an dà chuid furnaisean-ioslachaidh agus furnaisean-ath-leaghaidh.

B' e gual-stoithe na h-ainm air caochladh gualaibh, sònraichte leis an fhèille a lorg iad sios ri na 1960an (agus eadhon na 1970an)le rathaidean-iarainn agus muilnean a bha na ruith air cumhachd-stoithe, togta anns na goillearan de na h-innlean aca fhèin. Bha an cumhachd seo a' crochadh air a' choisir-dhubh, na daoine a bheathaich teintean nan goillear le sliosaidean.

B' fheudar don ghuail a bhi làidir gu leòr nach rachadh a phronnadh ann am bocsa teine (suas ri 1.2m san leathad agus 3m san fhad air inneal rathad-iarainn) ach b' fheudar dha a bhi so-bhriste ri cnap mu mheud doirn- mus am biodh farsainnead mòr gu leòr air gach pìos gual gun losgadh e luath gu leòr - oir is e luaths an losgaidh a riaghladh cumhachd an inneil.

Tùs ghuail

deasaich

Thòisich gual mar seòrsa mòine.

Eachdraidh

deasaich

Bha eòlas air gual ann an Roinn Eòrpa cho tràth ris an 14mh Linn, ach cha deach a cleachdadh an còcaireachd neo teasachadh taighean mun do dh'fhàs simileirean chumanta. Tha, an co-mheas leis a' smùid a dh'èireas bho fiodh neo mòine agus e na losgadh, smùid ghuail gu math searbh air na sùilean agus tha fàileadh làidir leis.

Is dòcha gun do thòisich meinneireachd gual ann an Alba rè an 17mh Linn. Gun teagamh chaidh a' chiad leasachadh mòr air raon gual an Lodainn tràth anns an 18mh cheud. Is coltach gun chuireadh teicneòlais mèinnearachd bho Northumbria an gnìomh aig an àm. Gun teagamh lean a' chiad rathad nan gad samhail cho-aimsireil de rathadan nan gad ri bruathaich an Tyne.

 
Mèinn guail fosgailte ann an Garzweiler, sa Ghearmailt. Panorama àrd-rèiteachaidh.

Faic cuideachd

deasaich