Cleachdaiche:Sionnach/Aisgerbheinn
Co-chomharran: 57°11′19″N 7°22′37″W / 57.188646°N 7.376974°W
Sionnach/Aisgerbheinn | |
---|---|
Aisgerbheinn leis a' chuaraidh | |
Àirde (m) | 126 |
Àirde (tr) | 413 |
Àirde rinneach (m) | 85 |
Màthair-mhullaich | Stulabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (22) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF753237 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Aisgerbheinn.
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann an Uibhist a Deas faisg air a' bhaile Aisgernis agus ear air an rathaid A865 eadar Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail. Tha Aisgerbheinn 126m (413 troigh) de dh'àirde.[1] Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Bho mhullach Aisgerbheinn gheibhear deagh shealladh air a' mhachair agus thairis air a' mhuir gu Barraigh. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 85m a' sgaradh Aisgerbheinn bho na beanntan eile agus 's e Stulabhal a mhàthair-mhullaich.
Air sliabh an iar Aisgerbheinn tha cuaraidh ann a tha aig MacAulay Askernish Ltd.[3] Tha an cuaraidh clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba cuideachd.[4]
Ann an 1982/83 rinneadh pròiseact rannsachaidh mu chumhachd na gaoithe air agus timcheall air Aisgerbheinn. Air sgàth sin chaidh barrachd na 50 crann a thogail air a bheinn airson tomhas na gaoithe.[5] An-diugh tha slighe ann bho Aisgernis gu crann air sliabh a deas na beinne, ach chan eil an t-slighe a' leantainn gu mullach na beinne.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 11 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ “MacAulay Askernish Ltd” (Beurla). Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2016.
- ↑ “Canmore ID 277201” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2016.
- ↑ Taylor, P. A. ⁊ H. W. Teunissen (April 1987): “The Askervein Hill project: Overview and background data,” (Beurla), ann an: Springer (Foills.): Boundary-Layer Meteorology, àir. April 1987, Volume 39, Issue 1, td. 15-39. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2016.
Dealbhan
deasaich-
Sealladh bho Aisgerbheinn air Aisgernis
-
An t-slighe gu crann faisg air a' mhullach.