'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Cathal[1][2]. 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Nochdaidh an t-ainm anns a' Bheurla mar Catheld, Kathel no Cathaldus.[1] Uaireannan chaidh Cathal eadar-theangachadh gu Beurla mar Charles [3] ged a tha freumh-fhaclachd gu tùr eadar-dhealaichte aig Charles.

Bunachas

deasaich

Thàinig an t-ainm Cathal bhon Ghaeilge agus tha e a' gabhail a-steach na h-eileamaidean Ceilteach "cath" agus "val" (riaghail). Nochd an t-ainm seo airson a' chiad turais anns an 7mh linn aig Naomh Èireannach a bha na cheannard aig sgoil mhanaich ann an Lios Mòr mus do dh'fhalbh gu ceann a deas na h-Eadailt mar easbaig.[4] Thàinig an t-ainm bho Èirinn gu Alba leis an teaghlach MhicMhuirich.[1]

Cruthan eile

deasaich

Chithhear cruthan eile mar "Cathel" [2], "Cahal" [4] no Càrdadh[3]. Tha "Cathalan" co-cheangailte ri Cathal cuideachd[5] agus nochd an t-ainm seo ann an seann Ghaeilge mar Cathalán. [6]

Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Cathal"

deasaich

Faic cuideachd

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.57; ISBN 0-19-860764-4
  2. 2.0 2.1 Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.13
  3. 3.0 3.1 Mac Farlane, Malcom (1912). "The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language". E. Mackay. d.144
  4. 4.0 4.1 Behind the name - Cathal
  5. Akerbeltz:. "Ainmean". Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.{{cite web}}: CS1 maint: extra punctuation (link)
  6. Mari Elspeth nic Bryan: Index of Names in Irish Annals: Cathalán