Deargan-fraoich
Carduelis carduelis | |
Dearg-fraoich a' biadhadh air cluaran. | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Passeriformes |
Teaghlach | Fringillidae |
Gèineas | Carduelis |
Spèiseas | C. carduelis |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Carduelis carduelis (Linnaeus, 1758) | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Dearg-fraoich Buidheag Lasair-choille |
Is e eun-seinn beag , dathach a tha ann an deargan-fraoich (Carduelis carduelis). Tha ainmean eile air buidheag agus lasair-choille. Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa, anns an taobh tuath Afraga agus an taobh an iar Àisia.
Tha deargan-fraoich cuibheasach 12-13 ciadameatair a dh'fhaid, le 21-25 cm de réis-sgéithe, agus 14-19 gramaichean a chudrom. Tha fireannaich is boireannaich coltach ri chèile, le aodann dearg, ceann geal is dubh, sgiathan buidhe is dubh, drom donn agus ìochdar geal. Ge-tà, tha an dath dearg a' dol air cùl sùla an fhireannaich ach tha e a' crìochnachadh air thoiseach sùla a' bhoireannaich.
Bidh e ag ithe sìl beag mar iad sin de chluaran is leadan, ach nuair a bhios e a' biadhadh nan eòin òga aige, bhios a' glacadh meanbhan-fhrìde mar an ceudna.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Deargan-fraoich air làrach-lìn RSPB (Beurla)
- Deargan-fraoich air làrach-lìn Avibase (Beurla)
Dealbhan
deasaich-
Uighean deargain-fhraoich (Carduelis carduelis carduelis )
-
Uighean deargain-fhraoich (Carduelis carduelis carduelis )