Campoalegre
Bratach Campoalegre huila.png [[Faidhle:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Huila - Campoalegre.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Huila.svg Huila
Àirde 666m
Co-chomharran 02º 41' 20' Tuath
75º 14' 33' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 661 km²
Àireamh-shluaigh 32,186 (2005)
Dlùths 48.69/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Huila,[1] Coloimbia,[2] a th'ann Campoalegre. Tha e suidhichte mu dheas Neiva, prìomh-bhaile na roinne, anns na na h-Andes. Tha àirde meadhanach dhe 525m os cionn ìre na mara, ach tha am beinn leis an canar Siberia suidhichte aig 3,250 os cionn ìre na mara agus tha meadhan a’bhaile suidhichte aig 66m. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 27˚ that cheann, rè na bliadhna, ach tha gnàthan-shìde eile shuas air a’ mhòintich. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1809.

Freumhan an AinmDeasaich

'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann Campoalegre. Tha dà fhacal Spàinntis ann: campo (achadh) agus alegre (sunndach).[3] Le sin, tha an t-ainm a' ciallachadh An t-Achadh Sunndach.

Sluagh a' bhaileDeasaich

Ged a tha 32,186 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 8,200 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Campoalegre (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.1% agus tha 2.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.3% dhe na daoine ann an Campoalegre leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 32% dhe na dachannan.[6]

FèiseanDeasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Campoalegre. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine AinmeilDeasaich

José Hilario López (1798 - 1869): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1849 agus 1853.

IomraidheanDeasaich

  1. Riaghaltas na Roinne: Bailtean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Faclair Oifigeil Spàinntis
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-machDeasaich

An t-sìde ann an Campoalegre

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: