Caisteal Orchardton
Fiosrachadh
Stoidhl Baranach Albannach
Bliadhna 1878 - 1883
Ailtire James Maitland (Wardrop agus Reid)
Seòladh A711, Achadh nan Càrn, DG7 1QL
Dùthaich Alba

'S e taigh-mòr ann an stoidhl baranach Albannach, a tha suidhichte faisg air Achadh nan Càrn, Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh, Alba 's a th' anns an Caisteal Orchardton air neo Taigh Orchardton agus Talla Orchardton.[1] Thog am Morair Raibeart MacShuail, 7mh Baran Orchardton a' chiad taigh san làrach seo ann an 1761, ach chosg e cus agus bhris e e ann an 1785, ged a chleach e pìosan fiodha agus clach no clach on t-seann Taigh-tùir Orchardton sa chuid obrach.[2] B' e gu robh an Suaileach dhen bheachd gum biodh làrach nas fhaisge air a' mhuir, air beulaibh na Linne Shalmhaigh, mòran na b'fhèarr. Cheannaich Seamus Dùghlas, fear-malairt à Poll a' Ghrùthain, an taigh ann an 1786. Chaidh an taigh a chithear an latha an-diugh a thogail eadar 1878 agus 1883 leis an ailtire Seamus Maitland on chompanaidh Wardrop agus Reid à Dùn Èideann airson Uilleam Dùghlas MacRoibin-Dùghlas.

Iomraidhean

deasaich
  1. Àrainneachd Eachdraidheil Alba
  2. The Douglas Archives

Ceanglaichrean a-muigh

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: