Còiseam
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Còiseam. [1][2] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Mar is trice thèid Còiseam eadar-theangachadh gu Beurla mar Constantine[1] ged nach eil ceangal ann a thaobh freumh-fhaclachd. Nochdaidh e ann an iomadh cànan, mar Cystennin ann an Cuimris no Constantino ann an Eadailtis. [3].
Bunachas
deasaichTha dà fhreumh aig an ainm seo. Air an dàrna làimh 's e ainm Eòrpach a th' ann a thàinig bho thùs bhon ainm Laidinneach "Constantinus", meanbh-ainm bhon dà chuid Constans agus Constantius. Tha iad a' ciallachadh "cunbhalach, seasmhach". Nochd e ann an Laideann mar Cōnstantīnus agus ann an Greugais mar Κωνσταντῖνος (Kōnstantînos). Dh'fhàs an t-ainm cumanta leis na h-Impirean Romannach, m.e.: Constantine I.
Air an làimh eile chuireadh an t-ainm Constantine mar chruth na Beurla ri trì rìghrean Albannach, is dòcha gun robh ceangal ann a thaobh fuaimneachadh tron ainm Conn.[2]
Cruthan eile
deasaichA rèir Mhic an Tàilleir tha cruthan eile ann airson an ainm Constantine: Cusadain agus Cusaintin.[4].
Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Còiseam"
deasaich- Còiseam Mòr
- Còiseam mac Choinnich, ainm eile: Causantín mac Cináeda
- Còiseam mac Aoidh, ainm eile: Causantín mac Áeda
- Còiseam mac Chailein, ainm eile: Causantín mac Cuiléin
ann an ainmean-àite
deasaich- Constantinople, seann ainm airson Istanbul
Faic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Akerbeltz:. "Ainmean". Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
{{cite web}}
: CS1 maint: extra punctuation (link) - ↑ 2.0 2.1 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.70; ISBN 0-19-860764-4
- ↑ Behind the name - CONSTANTINE
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.14