Blàr a' Chumhaing
Thachair Blàr a’ Chumhaing (Beurla Battle of the Braes) air 19 an Giblean 1882 faisg air a’ Bhràighe san Eilean Sgitheanach, nuair a chuir mu cheud croitear an aghaidh feachd de lethchead polas bho Ghlaschu. ’S e pàirt de Strì an Fhearainn a bh’ ann.
Chaidh còirichean innealtraidh air Beinn Lì a thoirt air falbh bho chroitearan a’ Bhràighe gun lughdachadh sam bith air a’ mhàl a dh’ fheumadh iad pàigheadh. Mu dheireadh, an déidh a bhith a’ gearran, lean iad eisimpleir chroitearan Cille Mhoire an ceann a tuath an Eilein agus dhiùlt iad màl a phàigheadh - gus am faigheadh iad na còirichean air ais. Air 7 an Giblean 1882 chaidh oifigeach an t-siorraim dhan Bhràighe le pasgan shumanaidhean gus am bàirligeadh a mhaoidheadh orrasan nach do phàigh am màl, ach cho-éignich an sluagh e na pàipearan a losgadh. Dh’iarr sioram Inbhir Nis taic bho Pholas Ghlaschu gus an lagh a thoirt gu buil, agus air 19 an Giblean rinn lethcheud poileasman air a’ Bhràigh. Ach choinnich mu cheud chroitearan iad aig a’ chumhaing, eadar fhireannaich agus bhoireannaich agus chlann, le maidean agus clachan. Chaidh grunnan a leòn ach cha deach duine a mharbhadh. Chaidh cóignear fhear an cur an greim agus chaidh binn a chur orra sa chùirt ann an Inbhir Nis.
Bha luchd-naidheachd air siubhal dhan Eilean Sgitheanach còmhla ris a’ phoileas, agus fhuair an strì sannasachd fad is farsaing ann an sgrìobhaidhean sna pàipearan-naidheachd a bha bàidheil do na croitearan. Leudaich an strì gu Gleann Dail. Bha e a’ fàs follaiseach nach gabhadh na croitearan a chur fo chois gun taic bhon airm, agus cha robh an Riaghaltas deònach sin a dhèanamh seach gun robh am poball a’ taobhadh ri na croitearan. Chuir iad Coimisean Napier air dòigh, agus lean sin gu Achd na Croitearachd (1886) a thug faochadh do na croitearan.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Blar a’ Chumhaing agus Cor nan Croitearan 1882-1883, le Iain A. MacDhòmhnaill, air a’ bhlog An t-Oide:
Pàirt 1 | Pàirt 2 | Pàirt 3[dead link] | Pàirt 4[dead link] | Pàirt 5[dead link] | | Pàirt 7 - Òran Beinn Lì le Màiri Mhór nan Òran