Beinneag Mhòr
'S e beinn anns a' Mhonadh Ruadh a tha ann am Beinneag Mhòr (Beurla: Bynack More). Tha i 1090 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Beinneag Mhòr | |
---|---|
Beinneag Mhòr agus Beinneag Bheag bhon tuath | |
Àirde (m) | 1090 |
Àirde (tr) | 3576 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Am Monadh Ruadh |
Mapa cumadh-tìre | Ordnance Survey Landranger 36 |
Comharradh-clèithe | NJ04170632 |
Chan eil ciall an ainm buileach soilleir, ach dh'fhaodadh gu bheil e a' tighinn bho bheinneag, a' ciallachadh beinn bheag, ach tha sin annasach oir bhiodh beinn bheag bheag agus beinn bheag mhòr ann. Tha e cuideachd a' nochdadh gun robh Am Beidhneag oirre bho thùs agus sin a' tighinn bhi bhinneag. Dh'fhaodadh cuideachd gur e Beinneach a bha e a' ciallachadh, a' mìneachadh coltas na sgìre de bheanntan àrda.[1]
Tha a' bheinn suidhichte mu 5km san ear-thuath den Chàrn Ghorm eadar Srath Neithich agus Srath Abhainn (Avon?). Gheibhear thuice bhon cheum a' tòiseachadh aig ceann a' Ghlinn Mhòir, agus leanaidh an ceum seo fad an rathad dhan mhullach[2].Dh'fhaodadh cuideachd a ceangal le Beinneag Bheag a tha ri a taobh.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Chùirn Ghuirm, Beinn Mac Duibh agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Deas.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d.110
- ↑ Beinneag Mhòr air Walkhighlands