Beinn Liath Mhòr
'S e beinn eadar Achadh na Seileach agus Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Beinn Liath Mhòr. Tha i 926 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Gleann Carrann agus Gleann Toirbheartan.
Beinn Liath Mhòr | |
---|---|
Beinn Liath Mhòr bho thaobh an ear | |
Àirde (m) | 926 |
Àirde (tr) | 3,038 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Achadh na Seileach |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NG96435197 |
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho stèisean Achadh na Seileach dhan iar-thuath[1]. Bidh cuid ga cheangal le Sgorr Ruadh air taobh eile Coire Làir.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Toirbheartan, Srath Carann, Loch Carrann agus Beinn Eighe.