B' e ochdamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Bayezid II (ainm eile: Bayezid-ı sānī, Dimetoka 3 an Dùbhlachd 1447Çorlu 26 an Cèitean 1512).[1] B' e a' chiad mac Mehmed II agus Gülbahar Hatun a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1481 - 'S ann coltach gun do mharbh e athair le stuth puinnseanta ann an Gebze - gu ruige 1512 nuair a chaochail e fhèin. B' fheudar dha shabaid an dà chuid an aghaidh corra dhuine taobh a-staigh na h-Impireachd aige a bhràthair Cem agus feadhainn eile) agus Venezia agus Iran taobh a-muigh. An dèidh bhliadhnaichean rinn e a chùis air feachdan Venice anns na Peloponnese.[2] An dèidh gun do chuireadh na h-Iùdhaich agus na Muslamaich a-mach às An Spàinn, b' e Bayezid II a thug iad dhan Impireachd aige, far an robh iad nan tàmh fad linntean gus an tàinig Hitler dhan chumhachd sa Ghearmailt. Rinn Bayezid II droch chàineadh air Fernando à Aragon: Esan a tha an rìoghachd aige a' fàgail bochd is an rìoghachd agam fhìn a' beairteachadh![3] Chuir na h-Iùdhaich piseach air eaconomaidh na stàit agus nochd teicneolas air feadh na h-Impireachd agus b' e linn an òir do chultair nan Iùdhach a lean na rinn Bayezid II.

Bayezid II
sultan Impireachd nan Otomanach

1481 (Gregorian) - 1512 (Gregorian)
Mehmed an Ceannsaiche - Selim I
Beatha
Breith Amasya, 3 dhen Dùbhlachd 1447
Ciad chànan Ottoman Turkish (en) Translate
Bàs Istanbul, 26 dhen Chèitean 1512
Àite-adhlacaidh Bayezid II Mosque (en) Translate
Teaghlach
Athair Mehmed an Ceannsaiche
Màthair Gülbahar Hatun
Cèile Ayşe Hatun (en) Translate
Şirin Hatun (en) Translate
Nigar Hatun (en) Translate
Bülbül Hatun (en) Translate
Gülruh Hatun (en) Translate
Ayşe Gülbahar Hatun (en) Translate
Muhtereme Ferahşad Hatun (en) Translate
Hüsnüşah Hatun (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
Cànain Ottoman Turkish (en) Translate
Arabais
Peirsis
Chagatai (en) Translate
Eadailtis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Creideamh Ioslam

Iomraidhean deasaich

  1. All About Turkey
  2. Ochsenwald, W., & Fisher, S. (2003). The Middle East: A History. New York: McGraw-Hill.
  3. History of Information